ENGLISH

Cuairt Choimiseanaidh Samhradh - 2008

Ceann-ama tagraidh airson plana leasachaidh dràma – 7 Iuchar, 2008 aig 1f.

Ceann-ama airson fios air ais mu GDS – 12 Lùnastal, 2008.  

PLANA LEASACHAIDH DRÀMA.

Tha làn dhùil aig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus a co-phàirtiche ann an Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig, am BBC, ro-innleachd dràma a dhealbh a bheir a steach sa mheadhan ama, sreath dràma fad-ruitheach a leasachadh dhan t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig. Cuiridh GMS fàilte air tagraidhean anns am bi plana airson leasachadh bun-bheachdail, lìbhrigeadh, maoineachadh is co-mhaoineachadh sreath thillteach dràma, a tha suidhichte agus air fhilmeadh ann an aon de na coimhearsnachdan Gàidhlig. Cha bu chòir tagraidhean a bhith na b’ fhaide na 6 duilleagan A4 ach tha eàrr-ràdhan co-cheangailte ri taobhan ionmhaiseil a’ phlana ceadaichte gun chuibhreachd fhaid. Ma nochdas plana cothromach mac-meanmnach dhan phròiseict seo, feuchaidh Seirbheis Dhidseatach na Gàidhlig ri na goireasan riatanach fhaighinn gus am pròiseact a thoirt gu buil. 

Am prògram :  Sreath tillteach de dhràma choitcheann suidhichte ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Albannach an latha an-diugh.

A’ chiad shliotan craolaidh: Latha seachdaineach, 9f.

Cruth: Sreath de 40 thachartas sa bhliadhna de 58 mhionaidean a dh’fhaid an urra.

Luchd-amais: Coitcheann, ach gu sònraichte boireannaich.

Ùine amaiseach a’ chùmhnaint: 7 bliadhna.

 

Cuairt Coimiseanaidh Foghar – 2008.
Dreachd cheann-ama airson beachdan phrògraman – Dàmhair 27, 2008 aig 1f.

Dreachd cheann-ama airson co-dhùnaidhean com-pàirteachais GMS/BBC – Samhain 27, 2008.

Bidh cunntas air na cuairtean coimiseanaidh sin air am foillseachadh nas fhaisge air na dreachd chinn-latha sin.

Aon uair ’s gun tèid a’ cho-bhanntachd seirbheis telebhisein air an èadhar, gabhaidh com-pàirteachas GMS/BBC beachdan airson prògraman ‘geàrr-fhasan’ aig àm sam bith agus feuchar ri na co-dhùnaidhean coimiseanaidh a thilleadh cho luath ’s aghabhas.

Bu chòir ceistean mu nì sam bith anns a’ chuairt coimiseanaidh seo a chur gu Fiona NicCoinnich, aig fiona@gms.org.uk.


Airson PDF de Còd Coimiseanaidh SDG brùthaibh  an seo.

Fiosrachadh sgioba choimiseanaidh

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk