ENGLISH

Freagairt mu choinneamh Measadh  Luach Phobhlach (MLP) a’ rinneadh le Aonad Urrais a BhBC air an t-Seirbheis Dhidseatach Gàidhlig 

Gabhaidh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig beachd air an MLP a nochd Aonad Urrais BhBC agus bheir iad barail far a bheil e iomchaidh.

Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a tuigsinn nach e co-dhùnadh an Urrais a tha san MLP , agus gur ann air an 21mh Samhain a thèid na ciad co-dhùnaidhean aig an Urrais fhoillseachadh, le co-dhùnaidhean deireannach a nochdadh uaireigin san Fhaoilleach 2008.

Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a toirt fainear nach eil san MLP a chaidh fhoillseachadh an diugh ach measadh Aonaid an Urrais air an £2.5m a bharrachd a tha am BBC am beachd a chosg air an t-seirbheis ùir.  Chan eil gnothach aig an MLP ris na tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a’ dol a’ chosg air an t-seirbheis ùir; tha sin gun atharrachadh. 

Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a cur an làn chudrom ris an iomairt seirbheis ùr Ghàidhlig a thòiseachadh ann an co-bhann ris a BhBC agus bithidh sinn dèonach cuideachadh sam bith a thoirt do luchd obrach a BhBC ma dh’iarras Urras a BhBC barrachd fianais-taic do na molaidhean.

Airson barrachd fiosrachaidh cuir fios gu Iagan MacNèill air 0131 556 6649 / 07770 886 928.

Fiosrachadh do luchd-deasachaidh:

Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) air a stèidheachadh a rèir an lagh, air a mhaoineachadh tron Riaghaltas agus air a riaghladh le Ofcom. ’S e obair GMS a bhith a’ maoineachadh, a’ coimiseanadh neo a’ riochdachadh phrògraman Ghàidhlig airson telebhisean, rèidio, air-loidhne neo na meadhanan ùra, agus a bhith an-sàs ann an trèanadh, leasachadh agus rannsachadh luchd-amhairc.

’S e amas GMS Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a chruthachadh, a’ toirt a-steach telebhisean agus meadhanan eile, agus tha e air cead-craolaidh fhaighinn bho Ofcom airson seo. Tha GMS agus am BBC air aontachadh gun obraich iad còmhla ann an co-bhanntachd gus seirbheis ùr a chruthachadh a bhios beothail, farsaing, cosg-èifeachdach agus stèidhichte anns an là an-diugh. 

 

 

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk