Bha iarrtas airson na seirbheis ùir didseataich, a thèid a steidheachadh agus a stiùireadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus BBC Alba ann an co-bhanntachd le chèile, air beulaibh comataidh Urras a’ BhBC an-dè. Bidh measadh luach poblach aig an Urras agus measadh buaidh air a’ mhargaidh aig Ofcom a’ tòiseachadh air 16 Lùnastal, agus bidh barrachd fiosrachaidh mun chùrsa cho-chomhairle phoblach ri fhaighinn aig an àm sin.
Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus BBC Alba air a bhith ag obair còmhla ri chèile airson aonta a ruighinn air na cùmhnantan co-obrachaidh a bhios eatorra. Tha mòran obrach fhathast ri dèanamh, ach thathas an dùil gum bi an t-Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig air an eadhar sa Mhàrt 2008.
Tha coimiseanadh airson na seirbheis ùir air tòiseachadh mar-thà agus tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a’ sireadh thagraidhean-prògram bho riochdairean phrògraman – feadhainn ùr agus feadhainn a tha air prògraman telebhisean Gàidhlig a dhèanamh roimhe. Le prògraman ùra gan craoladh a h-uile latha air an t-seirbheis, bidh cothroman ann airson leasachadh sgilean agus obraichean anns a’ ghnìomhachas-riochdachaidh Ghàidhlig.
Chuir Dòmhnall Caimbeul, àrd-oifigear Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, fàilte air co-dhùnadh Urras a’ BhBC a dhol air adhart leis an obair-mheasaidh. Thuirt e: “Se ceum cudromach a ghabh Urras a’ BhBC an-dè, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri ceann-uidhe a’ chùrsa a ruighinn agus ris an t-seirbheis ùr. Bidh sinn a’ cur ar làn neart sna mìosan a tha romhainn ann a bhith a’ bruidhinn agus ag èisteachd leis an luchd-amhairc agus a bhith a’ cur an gnìomh nan obraichean sònraichte a tha a dhìth airson stèidheachadh sianail.”
CRÌOCH 31 Iuchar 2007
Airson barrachd fiosrachaidh cuir fios gu Iagan MacNèill air 0131 556 6649 / 07770 886 928.
Fiosrachadh do luchd-deasachaidh:
Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) air a stèidheachadh a rèir an lagh, air a mhaoineachadh tron Riaghaltas agus air a riaghladh le Ofcom. ’S e obair GMS a bhith a’ maoineachadh, a’ coimiseanadh neo a’ riochdachadh phrògraman Ghàidhlig airson telebhisean, rèidio, air-loidhne neo na meadhanan ùra, agus a bhith an-sàs ann an trèanadh, leasachadh agus rannsachadh luchd-amhairc.
’S e amas GMS Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a chruthachadh, a’ toirt a-steach telebhisean agus meadhanan eile, agus tha e air cead-craolaidh fhaighinn bho Ofcom airson seo. Tha GMS agus am BBC air aontachadh gun obraich iad còmhla ann an co-bhanntachd gus seirbheis ùr a chruthachadh a bhios beothail, farsaing, cosg-èifeachdach agus stèidhichte anns an là an-diugh.
Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig
Fòn: 01851 705550
Facs: 01851 706432
Post-dealain: fios@gms.org.uk
Làrach-lìn: www.gms.org.uk