Barrachd ionmhas airson Craoladh Gàidhlig
Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) a’ cur fàilte air maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba.
Dh’fhoillsich am Prìomh Mhinistear, Alex Salmond BPA, an naidheachd gu bheil an Riaghaltas an dùil £500,000 a bharrachd a chur gu ruige craoladh Gàidhlig gach bliadhna is e a’ toirt seachad òraid an t-Sabhail Mhòir an raoir ann an Dùn Èideann .
A’ cur fàilte air an naidheachd, thuirt Dòmhnall Caimbeul, àrd-oifigear GMS: “Tha an t-ionmhas a bharrachd seo a’ ceadachadh dhuinn ceumannan riatanach a ghabhail ann an iomairtean leasachaidh is trèanaidh agus tuilleadh phrograman a chruthachadh airson an t-seirbheis ùr dhidseatach a chur air bhonn. Tha sin taingeil dhan Phrìomh Mhinistear airson a thaic aig àm a tha cho cudromach airson craoladh Gàidhlig.
Crìoch 20mh Dùbhlachd 2007
Airson barrachd fiosrachaidh cuir fios gu Iagan MacNèill aig Weber Shandwick air 0131 556 6649 / 07770 886 928.
Fiosrachadh do luchd-deasachaidh:
Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) air a stèidheachadh a rèir an lagh, air a mhaoineachadh tron Riaghaltas agus air a riaghladh le Ofcom. ’S e obair GMS a bhith a’ maoineachadh, a’ coimiseanadh neo a’ riochdachadh phrògraman Ghàidhlig airson telebhisean, rèidio, air-loidhne neo na meadhanan ùra, agus a bhith an-sàs ann an trèanadh, leasachadh agus rannsachadh luchd-amhairc.
’S e amas GMS Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a chruthachadh, a’ toirt a-steach telebhisean agus meadhanan eile, agus tha e air cead-craolaidh fhaighinn bho Ofcom airson seo. Tha GMS agus am BBC air aontachadh gun obraich iad còmhla ann an co-bhanntachd gus seirbheis ùr a chruthachadh a bhios beothail, farsaing, cosg-èifeachdach agus stèidhichte anns an là an-diugh.