Ceann Phrògraman ùr aig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig
Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) air an sàr chraoladair Ailean Esslemont fhastadh mar Cheann Phrògraman.
Tha Ailean (49) a’ tighinn bho TG4 – sianal craolaidh Gàidhlig na h-Èireann far a bheil e na Stiùiriche Telebhisein. The eòlas farsaing aige ann a bhith a’ steidheachadh sianal ùr agus a’ cruthachadh ghnèithean phrògraman inntinneach is tarraingeach airson an luchd-amhairc.
Thar na bliadhnaichean tha Ailean air cliù a chosnadh a measg chraoladairean mar chuideigin air leth comasach agus tuigseach anns a’ ghnìomhachas chraobh-sgaoilidh.
Mar Cheann Phrògraman, bidh Ailean a’ leasachadh ro-innleachd na seirbheis a thaobh ghnèithean phrògraman. Bidh e cuideachd a’ leasachadh cumadh, cruth agus ìomhaigh na Seirbheis Didseataich Gàidhlig ùir.
Sann ann an co-bhann leis a’ BhBC a bhios GMS a’ steidheachadh na seirbheis ùir, a thèid air an adhar as t-earrach 2008, agus bidh Ailean ag obair gu dlùth ris a’ BhBC agus ris na companaidhean neo-eisimeileach a bhitheas a’ cruthachadh suim mhòr dhen stuth airson craoladh.
A’ cur fàilte air an naidheachd, thuirt Dòmhnall Caimbeul, àrd-oifigear GMS: “Tha sin air leth toilichte gu bheil Ailean air an dreuchd chudromach seo a ghabhail. Tha na comasan agus an t-eòlas aige airson sianal ùr a chur air bhonn agus tha tuigse aige air riochdachadh phrògraman agus air leasachadh ghnèithean ùra phrògraman a tharraingeas ùidh dhaoine aig nach eil na Gaidhlig a bharrachd air na Gaidheal fhèin. Bidh na sgilean aig Ailean cudromach dhuinn ann an bhith a’ cruthachadh ìomhaigh an t-sianail agus a’ sàsachadh miann an luchd-amhairc.”
Thuirt Ailean: “Bha buaidh mhòr ag TG4 air ìomhaigh agus air cor na Gàidhlig ann an Èirinn. Se àm anabarrach inntinneach a tha seo ann an craoladh ann an Alba. Tha traidisean làidir de phrògraman Gàidhlig ann mar-thà agus tha mi cinnteach gun tèid againn le chèile air sianal soirbheachail a chruthachadh a nì leas nan Gaidheal agus nan Albannach gu lèir.”
Rugadh Ailean ann am Bràigh Mharr agus thogadh e faisg air Breichinn. Tha e air a bhith a’ fuireach ann Èireann bho 1984 nuair a chaidh e a theagasg Gàidhlig na h-Alba ann an Oilthigh Colaiste Baile na Gailbhinn.
Bho 1989 bha e an sàs ann an Telegael, companaidh riochdachaidh neo-eisimeileach air taobh siar na h-Èireann. Rinn e iomadh phrògram airson stèiseanan craolaidh mar RTE mus do gluais e gu TnaG – a’ chiad ainm aig TG4 – ann an 1995.
Aig TG4 tha uallach aig Ailean airson ro-innleachd, coltas agus ìomhaigh an t-sianail, a’ dèanamh cinnteach gu bheil TG4 a’ coilionadh nan amasan aca dhan luchd-amhairc le prògraman a tha inntinneach agus adhartach.
Crìoch 29mh Samhain 2007
Airson barrachd fiosrachaidh cuir fios gu Iagan MacNèill aig Weber Shandwick air 0131 556 6649 / 07770 886 928.
Fiosrachadh do luchd-deasachaidh:
Tha Ailean pòsta le còig do theaghlach. Thug e a-mach ceum MA ann am Fraingis aig Dhùn Èideann agus MBA bhon Oilthigh Fhosgailte. Bha Ailean na bhall air a’ chiad bhòrd aig Acadamaidh Fiolm agus Telebhisean na h-Èireann – buidheann coltach ri BAFTA ann am Breatainn.
Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) air a stèidheachadh a rèir an lagh, air a mhaoineachadh tron Riaghaltas agus air a riaghladh le Ofcom. ’S e obair GMS a bhith a’ maoineachadh, a’ coimiseanadh neo a’ riochdachadh phrògraman Ghàidhlig airson telebhisean, rèidio, air-loidhne neo na meadhanan ùra, agus a bhith an-sàs ann an trèanadh, leasachadh agus rannsachadh luchd-amhairc.
’S e amas GMS Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a chruthachadh, a’ toirt a-steach telebhisean agus meadhanan eile, agus tha e air cead-craolaidh fhaighinn bho Ofcom airson seo. Tha GMS agus am BBC air aontachadh gun obraich iad còmhla ann an co-bhanntachd gus seirbheis ùr a chruthachadh a bhios beothail, farsaing, cosg-èifeachdach agus stèidhichte anns an là an-diugh.