ENGLISH

 

Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus BBC Alba air fàilte a chur air co-dhùnadh Urras a’ BhBC aontachadh ri molaidhean airson na Seirbheis Didseataich Gàidhlig.

Bidh Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus BBC Alba a-nis a’ tòiseachadh air na planaichean aca a thoirt gu buil son an t-seirbheis ùr a chur air bhonn. Bidh Bòrd Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a’ coinneachadh a-màireach (29 Faoilleach) airson beachdachadh air na cùmhnantan co-cheangailte ri co-dhùnadh an Urrais.

Thuirt Niall Friseal, Cathraiche Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte air co-dhùnadh an Urrais. Is e ceum cudromach a th’ ann airson craoladh Gàidhlig agus is urrainn dhuinn a-nis cumail oirnn le bhith ag ullachadh, ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, airson seirbheis telebhisein Ghàidhlig ùir a chruthachadh airson muinntir na h-Alba.”

Thuirt Coinneach MacGuaire, Àrd-stiùiriche BBC Alba: Tha sinn air leth toilichte gu bheil an t-Urras air cead-craolaidh a thoirt seachad airson na seirbheis ùir. Tha BBC Alba a’ coimhead le fiughair ri bhith ag obair ann an co-bhanntachd le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig son an t-seirbheis ùr seo a libhrigeadh. Tron t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig gheibh luchd na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus a h-uile duine aig a bheil ùidh sa chànain raon farsaing de phrògraman agus stuthan eile. Bidh na prògraman air an t-seirbheis ùir tarraingeach do dhaoine aig nach eil Gàidhlig, do luchd-ionnsachaidh agus do dhaoine nach eil a’ coimhead phrògraman Gàidhlig aig an àm seo.”

 

Fiosrachadh do luchd-deasachaidh:

Is e Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a’ bhuidheann air a bheil dleastanas dèanamh cinnteach gun tèid raon farsaing de dheagh phrògraman Gàidhlig a chraoladh airson dhaoine ann an Alba, le bhith a’ maoineachadh, a’ coimiseanachadh neo a’ riochdachadh phrògraman Ghàidhlig airson telebhisean, rèidio, air-loidhne agus nam meadhanan ùra, agus le bhith an-sàs ann an trèanadh, leasachadh agus rannsachadh luchd-amhairc. Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus am BBC air aontachadh gun obraich an dà buidheann ann an co-bhanntachd airson seirbheis ùr a chruthachadh a bhios beothail, farsaing, cosg-èifeachdach agus stèidhichte anns an là an-diugh

Post-d: fios@gms.org.uk

Làrach-lìn: www.gms.org.uk  

 

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk