ENGLISH

Seirbheisean Deasachadh Bhideo agus Seirbheisean Grafaiceach - Promothan

Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a’ sireadh iarrtasan bho chompanaidhean no daoine fa leth a thaobh a bhith a’ solar sheirbheisean deasachadh bhideo agus sheirbheisean grafaiceach airson an t-seanail ùr Ghàidhlig.

Bidh an obair a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur theamplaidean ghrafaiceach promo thar promothan a chaidh an ro-ullachadh. Bhiodh e am fàbhar an neach nam biodh e comasach dha/dhi a bhith ag obair mar stiùiriche/deasaiche promo bho àm gu àm.  Feumaidh dearbhadh a bhith ann gu bheil an neach comasach a bhith ag obair gu ceann-ùine teann agus gu ìre àrd a thaobh obair teicniceach.

Thathar a’ meas gum bi obair gu leòr an lùib seo gus deasaiche a chumail ann an obair air stèidh làn-thìde.

Bu chòir comasan sa Ghàidhlig a bhith aig a' chompanaidh / daoine fa leth.

Ma tha ùidh agaibh, cuiribh a dh’iarraidh tuilleadh fiosrachaidh bho Murchadh Moireasdan aig murdo@gms.org.uk

Iarratasan fhoirmeil ri bhith staigh ro 30 May 2008

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk