OIFIGEARAN ÙRA AIG SEIRBHEIS NAM MEADHANAN GAIDHLIG
Ag ullachadh airson an t-sianail telebhisein Ghàidhlig ùir, tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig air dithis fhastadh gu dreuchdan ùra: Niall Greumach mar Cheann Ghoireasan agus Murchadh Moireasdan mar Oifigear Margaidheachd is Conaltradh Luchd-amhairc.
Niall Greumach, Ceann Ghoireasan
Tha Niall air a bhith na Mhanaidsear Ionmhais aig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig bho 1992. Ron an sin bha e ag obair airson Grant Thornton LLP ann an Glaschu. Is ann à Col, Eilean Leòdhais, a tha Niall (44), a tha pòsta le triùir chloinne. Tha e cuideachd air bòrd Urras Steòrnabhaigh agus na bhall de bhuidhnean eile sa choimhearsnachd.
Mar Cheann Ghoireasan, bidh uallach air Niall airson stiùireadh agus cur an cèill ghoireasan na Seirbheis, gu h-àraid siostaman ionmhais agus na goireasan craolaidh ann an Steòrnabhagh agus san Eilean Sgitheanach. Le fastadh Neill, tha sgioba stiùiridh na buidhne a-nis coileanta; is iad buill eile na sgioba Alan Esslemont, Ceann Phrògraman, agus Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear. Tha Niall a’ tòiseachadh san obair air 1 Giblean.
Murchadh Moireasdan, Oifigear Margaidheachd is Conaltradh Luchd-amhairc
Tha Murchadh a’ tighinn bhon Chomann Ghaidhealach, far an robh e na Oifigear Margaidheachd air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fad ochd bliadhnaichean. Tha eòlas aige ann am margaidheachd turasachd ’s bha e an sàs ann an trèanadh is leasachadh agus ruith thaighean-òsta. Is ann às an Eilean Sgitheanach a tha Murchadh (49), ’s chaidh a thogail ann an Glaschu. Tha e pòsta ’s tha dithis nighean aige, ’s tha e a-nis a’ fuireach ann an Steòrnabhagh.
Mar Oifigear Margaidheachd is Conaltradh Luchd-amhairc bidh Murchadh ag obair còmhla ri sgioba nam prògraman, a’ làimhseachadh sanasachd, rannsachadh-margaidh agus conaltradh leis an luchd-amhairc. Bidh e a’ tòiseachadh san obair air 1Cèitean.
A’ cur fàilte air fastadh Nèill is Mhurchaidh, thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear: “Tha mi air leth toilichte gu bheil Niall agus Murchadh air na dreuchdan chudromach seo a ghabhail. Tha Niall a’ toirt leis dhan dreuchd ùir a chuid eòlais air a’ ghnìomhachas chraolaidh agus an cliù a choisinn e thuige seo airson rianachd ionmhais na buidhne bhon a thòisich a’ Chomataidh Telebhisean Gàidhlig. Tha na comasan, sgilean agus miann aig Niall airson dèanamh cinnteach gum faigh an t-Seirbheis an luach as motha as urrainn dhuinn bho ar maoin ’s ar goireasan.
“Tha sinn cuideachd air leth fortanach gum bi cuideigin leis na sgilean a th’ aig Murchadh ag obair còmhla ri sgioba nam prògraman. Mar as eòlaiche ’s a tha sinn air beachdan an luchd-amhairc agus dè tha a’ còrdadh riutha is ann as fheàrr as urrainn dhuinn clàr-phrògraman a dheasachadh a bhios gan tàladh chun na seirbheis againn, ’s bidh obair Mhurchaidh aig cridhe a’ phròiseis seo.
“Le Niall agus Murchadh sna dreuchdan ùra seo, tha mi cinnteach gun tèid againn air ar dleastanas a choilionadh airson ar com-pàirtichean agus ar luchd-amhairc, ’s sinn ag obair còmhla ris a’ BhBC aig cridhe na Seirbheis Didseataich Gàidhlig ùir.”
Crìoch
01 Giblean 2008
Airson barrachd fiosrachaidh cuir fios gu Alison Lang air 0770 109 9952.
Fiosrachadh do luchd-deasachaidh:
Is e Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a’ bhuidheann air a bheil dleastanas dèanamh cinnteach gun tèid raon farsaing de dheagh phrògraman Gàidhlig a chraoladh airson dhaoine ann an Alba, le bhith a’ maoineachadh, a’ coimiseanachadh neo a’ riochdachadh phrògraman Ghàidhlig airson telebhisean, rèidio, air-loidhne agus nam meadhanan ùra, agus le bhith an-sàs ann an trèanadh, leasachadh agus rannsachadh luchd-amhairc.
Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus am BBC air aontachadh gun obraich an dà buidheann ann an co-bhanntachd airson seirbheis ùr a chruthachadh a bhios beothail, farsaing, cosg-èifeachdach agus stèidhichte anns an là an-diugh.
Tha structar stiùiridh Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a’ dèanamh soilleir ciamar a tha an t-Seirbheis ga cur fhèin an ceill – a’ cruthachadh luach airson luchd-amhairc le Gàidhlig agus luchd-amhairc na h-Alba gu leir le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil inbhe phrògraman aig an ìre as àirde, a’ freagairt ris an luchd-amhairc agus a’ toirt guth dhan Ghàidhlig ann am beatha phoblach na dùthcha (Ceann Phrògraman), agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil goireasan na buidhne air fad – togalaichean, seilbh inntleachdail agus ionmhas – gan cleachdadh gu h-èifeachdach airson seo a choilionadh (Ceann Ghoireasan).
Post-d: fios@gms.org.uk
Làrach-lìn: www.gms.org.uk