ENGLISH

Tony KearneyRionnag River City a' cur air chois farpais airson fhilmichean goirid Gàidhlig

Thèid FilmG, an fharpais airson fhilmichean goirid Gàidhlig, a chur air chois air Dihaoine 27 an t-Ògmhios le rionnag River City, an t-actair Tony Kearney. Gabhaidh seo àite ann an taigh-dealbh Grosvenor ann an Glaschu, aig 11m.

'S e seo a' chiad pròiseact cruthachail aig MG ALBA on a thug iad orra ainm ùr. Tha am pròiseact airson tàlant ùr a lorg airson filmichean - an dà chuid air beulaibh agus air cùlaibh a' chamara - airson na seirbheis ùir didseataich Gàidhlig ris a bheil dùil tràth san Fhoghar. Chan e a-mhàin gu bheil FilmG a' toirt cothrom do dh'fhilmeadairean ùra, agus feadhainn a th' air a bhith an sàs san obair seo roimhe seo an cuid obrach fhoillseachadh, ach cuideachd tha cothroman ùra ann airson cànan agus cultair na Gàidhlig anns an linn dhidseataich sa bheil sinne beò.

Bidh roinnean proifeiseanta, neo-dhreuchdail agus cloinne ann am farpais FilmG, is bidh e fosgailte chun 1 dhen Dùbhlachd. Thèid breith a thoirt air gach oidhirp an dèidh na deit seo. A bharrachd air an £35,000 ann an duaisean airgid, bheir MG ALBA an cothrom do na sgioban a bhuannaicheas filmichean goirid a leasachadh airson na sianail ùir Gàidhlig.

Thig FilmG gu crìoch le pàirtidh dhuaisean mìorbhaileach anns an Fhaoilleach 2009 ann am FÀS, an t-ionad aig Sabhal Mòr Ostaig airson ghnìomhachasan cruthachail is cultarach air an Eilean Sgitheanach.

Ged a dh’fheumas na filmichean a bhith ann an Gàidhlig, bidh sgioba FilmG air làimh airson cuideachadh a thoirt do dhaoine gun Ghàidhlig gus an toirt còmhla ri daoine aig a bheil Gaidhlig gus crìoch a chur air na pròiseactan aca.

Thèid bùithtean-obrach an cur air chois air iomadh cuspair co-cheangailte ri a bhith a’ dèanamh fhilmichean thairis air mìosan na farpais air fad, is bidh luchd-cuideachaidh proifeiseanta rim faighinn air an làrach-lìon, www.filmg.co.uk.

'S e bun-bheachd Cànan a th' ann am FilmG airson MG ALBA. (Meadhanan Gàidhlig Alba)
Airson barrachd fiosrachaidh, theirig gu www.filmg.co.uk no cuir fios gu Michelle Cotter, Manaidsear Margaideachd FilmG, michelle@filmg.co.uk, fòn 01471 888 500 / 07511 541 687 no Donella Beaton, Ceannard Cànan, donella@canan.co.uk, fòn 01471 888 500 / 07799 586779. Airson barrachd fios mu dheidhinn MG ALBA cuir fios gu Murdo Morrison, Manaidsear Margaideachd MG ALBA, murdo@gms.org.uk

Deireadh

Notaichean an deasaiche
1 'S e Meadhanan Gàidhlig ALBA (MG ALBA) an t-ainm obrachd ùr airson Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (Gaelic Media Service).
2 Anns an Foghar 2008, tha MG ALBA an dùil seirbheis ùr Didseatach Gàidhlig a chur a chois còmhla ris a' Bh.B.C. Bidh an t-sianail ùr air làrach saideal didseatach air feadh na RA, air càball agus air-loidhne.
3 Tha raon mòr de dheagh phrògraman Gàidhlig air a bhith aig MA ALBA ann an Alba thar nan deich bliadhna mu dheireadh, leithid Eorpa, is tha iad a' gabhail pàirt ann an leasachadh phrògraman, ann an rannsachadh, trèanadh is ann am pròiseactan cruthachail.
4 Ruithidh FilmG bho 27 an t-Ògmhios gu 1 an Dùbhlachd 2008 le pàrtaidh dhuaisean anns an Fhaoilleach 2009.
5 'S e companaidh ioma-mheadhain agus dealbhachaidh, a tha air duaisean a bhuannachadh, a th’ ann an Cànan, a tha stèidhichte ann am FÀS air an Eilean Sgitheanach, agus a tha aithnichte mar “shàr ionad airson àrdachadh is leasachadh a thoirt do chànan, do chultar agus do dhualchas na Gàidhlig.” Tha Cànan a' tabhann iomadh nuadh-fhuasgladh ann an dealbhadh, foghlam agus ann am conaltradh.
6 A bharrachd air FilmG, tha Air Splaoid! - an cùrsa ioma-mheadhain Gaidhlig air-loidhne - am measg nam pròiseactan eile a th’ air a bhith aig Cànan.

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk