ENGLISH

Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig aig an Fhèis Cheiltich

Thèid fiolm ùr Gàidhlig a chur air bhog an-diugh aig Feis nam Meadhanan Ceilteach ann am Port Rìgh. Chaidh Seachd a dhèanamh san Eilean Sgitheanach le maoineachadh bho Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

Ann an Seachd, tha sinn a’ faicinn an t-saoghail tro shùilean Aonghais (Pàdruig Moireasdan), balach beag a tha ag ionndrainn a phàrantan agus a’ siubhal fìrinn an sgeulachd on fhuair iad bàs ann an tubaist air Sgùrr Dearg, agus tro sgeulachdan a sheanar (Aonghas Pàdraig Caimbeul), a tha a’ tuigsinn cumhachd sgeulachd agus fìrinn. Còmhla ri chèile bidh an dithis aca a’ falbh a dh’ionnsaigh Sgùrr Dearg agus crìoch na sgeòil.

Sgrìobhte le sgioba de sgrìobhadairean cliùiteach, Aonghas Dubh MacNeacail agus Iain Fionnlagh MacLeòid nam measg, tha Seachd a’ taisbeanadh tàlant nan cleasaichean – tàlant a ghabhas cleachdadh cuideachd ann am prògraman telebhisean agus fiolmaichean eile san àm ri teachd.

Thuirt an riochdaire, Chris Young:

“Tha e nàdarra gu leòr gum biodh cinema ann an Gàidhlig ma smaoinicheas tu air beairteas sgeulachdan agus beul-aithris na Gàidhlig. Fhuair mi togail-inntinn agus brosnachadh bho bhith ag obair còmhla ri cleasaichean, sgrìobhadairean agus luchd-fiolm Gàidhlig air a’ chiad fhiolm Ghàidhlig den t-seòrsa seo, agus tha mi ’n dòchas gum bi barrachd de a leithid ann.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig:

“Tha sinn a’ coimhead le fiughair ri toiseach na seirbheis ùir ’s tha sinn an dùil gum bi deagh roghainn de phrògraman ùra rim faicinn. Tha Seachd a’ toirt dhuinn togail-inntinn agus dòchas airson nam bliadhnaichean a tha romhainn, gu h-àraid leis an tàlant a th’ aig Pàdruig Moireasdan agus an fheadhainn eile, sean is òg, a chì sinn san fhiolm seo.”

Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu Alison Lang air 01851 705550.

 

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk