ENGLISH

Patricia NicFhearghais,Alasdair Moireasdan, Domhnall Caimbeul,Niall Friseal agus Mairead Mairi Mhoireach

Thug Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig fàilte an-diugh air £3 millean a bharrachd gach bliadhna bho Riaghaltas na h-Alba airson seirbheis telebhisean didseatach Gàidhlig.

Chaidh an tabhartas-airgid seo fhoillseachadh leis a’ Mhinistear airson Cultar, Patricia NicFhearghais, ’s i a’ tadhail air stiùideothan Taigh Shìphoirt ann an Steòrnabhagh. Thèid an t-airgead a chleachdadh a chum leasachadh leantainneach de sheirbheis a fhreagras ri feumalachdan nan Gaidheal agus dhaoine aig nach eil Gàidhlig air feadh Alba san 21mh linn, ’s thèid an t-seirbheis a chur air bhog ro dheireadh na bliadhna.

Bidh an t-seirbheis ùr, a tha ga dealbhachadh le GMS ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC, mar phàirt cudromach den oidhirp gus a’ Ghàidhlig agus a cultar a dhèanamh seasmhach agus beothail san àm ri teachd, agus cuiridh e a’ Ghàidhlig aig cridhe ìomhaigh is fèin-aithne chultarach na h-Alba.

A bharrachd air leasachadh na seirbheis fhèin, bidh an t-airgead ga chleachdadh airson leasachadh sgilean teicniceach, cruthachail agus deasachaidh, agus airson coimiseanadh phrògraman.

Tha Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear GMS, a’ creidsinn gun toir an t-airgead seo spionnadh gu leasachadh na seirbheis. Thuirt e: “Tha sinn a’ cur fàilte air an airgead seo aig àm a tha air leth cudromach airson na seirbheis, mar cheum a chum steidheachadh na seirbheis ùir fa-leth.

“Mar a thig latha-tòiseachaidh an t-sianail nas fhaisg, bidh an t-airgead seo na chuideachadh ann a bhith a’ coilionadh ar n-amais a bhith a’ cur air dòigh deagh sheirbheis aig àrd-ìre airson muinntir na h-Alba gu lèir.”

Thuirt e: “Tha sinn a’ toirt taing don Mhinistear airson tighinn a chèilidh oirnn agus airson daingneachadh rùn an Riaghaltais a bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig air feadh Alba.”

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard na Gàidhlig aig a’ BhBC:

“Tha am BBC a’ cur fàilte air taic an Riaghaltais airson craoladh Gàidhlig. Tha e mar rùn-daingeann aig a’ BhBC co-obrachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a chum leasachadh seirbheis ùr craolaidh Gàidhlig a’ gabhail a-steach telebhisean, rèidio agus air-loidhne, a’ toirt do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, agus dhan a h-uile duine aig a bheil ùidh innte, roghainn farsaing de phrògraman agus goireasan tro diofar mheadhanan.”

Crìoch 23 Màrt 2007

Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu Alison Lang air 01851 705550.

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk