Fiolm Gàidhlig aig Fèis Fiolm Cannes
Bidh fiolm Gàidhlig ga thaisbeanadh aig Cannes an t-seachdain seo tighinn. Chaidh Seachd, le Young Films, a dhèanamh san Eilean Sgitheanach le maoineachadh bho Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig ’s le taic a bharrachd bho Scottish Screen, BBC Alba agus Glasgow Film Office.
Tha Seachd freumhaichte ann am beul-aithris na Gàidhlig. Tha duine òg air a bhith air tòir na fìrinn o òige – an fhìrinn mu bhàs a phàrantan agus mu sgeulachdan iongantach eagallach a Sheanar.
Le còrr air 10,000 duine bho 91 dùthchannan a’ gabhail pàirt san fhèis, tha am Marché du Film a’ toirt cothrom air leth do riochdairean neo-eisimeileach an obair aca, agus beairteas nan cultaran eadar-dhealaichte aca, a shealltainn gu luchd-amhairc an t-saoghail.
Thèid Seachd a shealltainn sa mhargaidh aig Cannes Diluain 21 agus Dimàirt 22 Cèitean do luchd-ionaid a bhios a’ reic fhiolmaichean air feadh an t-saoghail. Tha Seachd air aonta-sgaoilidh airson na Rìoghachd Aonaichte a ghleidheadh mar-thà, le Soda Pictures, agus thèid am fiolm a sgaoileadh am bliadhna.
Thuirt riochdaire Seachd, Chris Young:
“Is e Seachd a’ chiad fhiolm Ghàidhlig a bhios ann an taighean-dealbh coimeirsealta san Rìoghachd Aonaichte agus tha an naidheachd seo a’ tighinn aig an aon àm ’s a bhios cothrom aig luchd-ceannaich fhiolmaichean bho air feadh an t-saoghail am fiolm fhaicinn airson a’ chiad turas, rud a tha na adhbhar gàirdeachais gun teagamh sam bith.”
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig:
“Tha sinn a’ toirt meala-naidheachd air sgioba Seachd, fiolm a tha a’ toirt dhuinn togail-inntinn agus dòchas airson nam bliadhnaichean a tha romhainn, nuair a bhios an t-seirbheis dhidseatach ùr a’ toirt chothroman a bharrachd gu riochdairean phrògraman, actairean, sgrìobhadairean agus proifeiseantaich eile ann an gnìomhachas fiolm agus telebhisean ann an Alba.”
Crìoch
Airson barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn Seachd agus Young Films, cuir fios gu oifis Young Films air 01471 844 444.
Airson barrachd fiosrachaidh mu Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, cuir fios gu Alison Lang air 0770 109 9952.
Fiosrachadh do luchd-deasachaidh:
Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) air a stèidheachadh a-rèir an lagh, air a mhaoineachadh tron Riaghaltas agus air a riaghladh le Ofcom. ’S e obair GMS a bhith maoineachadh, coimiseanadh neo riochdachadh phrògraman Ghàidhlig airson telebhisean, rèidio, air-loidhne neo na meadhanan ùra, agus a bhith an-sàs ann an trèanadh, leasachadh agus rannsachadh luchd-amhairc.
’S e amas GMS Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig a chruthachadh, a’ toirt a-steach telebhisean agus meadhanan eile, a thèid air bhog ann an 2007. Tha GMS agus am BBC aontaichte gun obraich iad còmhla ann an co-bhanntachd gus seirbheis ùr a chruthachadh a bhios beothail, farsaing, cosg-èifeachdach agus stèidhichte anns an là an-diugh.
Gabhaidh dealbhan a luchdadh a-nuas bho www.seachd.com fo “Press Kit”.
Seachd: www.seachd.com
Young Films: www.youngfilms.co.uk
Festival de Cannes: www.festival-cannes.fr
Marché du Film: www.marchedufilm.com
Young Films Ltd
Isle of Skye
IV44 8RQ
Phone: 01471 844 444
Fax: 01471 844 292
E-mail: office@youngfilms.co.uk