ENGLISH

Alison Lang 19 Faoilleach 2007

Oifigear Corporra aig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig

Chaidh Alison Lang ainmeachadh an-diugh mar Oifigear Corporra aig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

Tha Alison, a tha 34 agus a bhuineas do Dhùn Èideann, air a fastadh bho h-obair aig Pàrlamaid na h-Alba airson 9 mìosan. Tòisichidh ì air 22 Faoilleach 2007.

Tha Alison an ceartuair ag obair airson oifis na h-aithisg oifigeil aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha ì cuideachd ag obair mar neach-naidheachd neo-cheangailte agus bha i gu chionn ghoirid a’ sgrìobhadh lèirmheasan air rèidio agus telebhisean Gàidhlig airson An Albannaich.

Thuirt Alison:“’S e àm air leth brosnachail a tha seo airson na Gàidhlig agus airson craoladh, agus tha mi toilichte gu bheil an cothrom seo agam a bhith ag obair mar phàirt de sgioba Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig a chum steidheachadh an t-sianail didseataich ùir.”

A’ foillseachadh an taghaidh, thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd Oifigear Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig: “Tha mi air leth toilichte gu bheil Alison a’ tighinn thugainn aig àm cho cudromach nar n'-eachdraidh, agus tha mi a’ toirt taing dhan Phàrlamaid airson a saoradh. Tha comasan sònraichte aig Alison agus a-bharrachd air an sin tha eòlas is tuigse aice air na meadhanan, air politics agus gu h-àraidh air Gàidhlig agus air saoghal na Gàidhlig. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhi ag obair còmhla rithe thairis air mìosan far am bidh dùbhlain is cothroman far comhair agus sinn ag ullachadh airson sianal ùr.”

Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) air a stèidheachadh a-rèir an lagh, air a mhaoineachadh tron Riaghaltas agus air a riaghladh le Ofcom. ‘S e obair GMS a bhith maoineachadh, coimiseanadh neo riochdachadh phrògraman Ghàidhlig airson telebhisean, rèidio, air-loidhne neo na meadhanan ùra, agus a bhith an-sàs ann an trèanadh, leasachadh agus rannsachadh luchd-amhairc.

‘S e amas GMS Seirbheis Didseatach Ghàidhlig a chruthachadh, a’ toirt a-steach telebhisean agus meadhanan eile, a thèid air bhog ann an 2007. Tha GMS agus am BBC aontaichte gun obraich iad còmhla ann an co-bhanntachd gus seirbheis ùr a chruthachadh a bhios beothail, farsaing, cosg-èifeachdach agus stèidhichte anns an là an-diugh.

 

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk