Caochladh ann an Ard Dhreuchd Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig
Leigidh Iain Aonghas MacAoidh, Stiùiriche Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS), dheth a dhreuchd san Ògmhios am bliadhna. Ann a bhith ag ainmeachadh a’ cho-dhùnaidh seo thuirt Niall Friseal, Cathraiche GMS, “Tha Iain Aonghas airson a bhith saor gu bhith an sàs ann an nithean eile sa bheil ùidh aige. Tha e air obair mhòr a dhèanamh chan ann a mhàin a thaobh craoladh Gàidhlig ach cuideachd ann an leasachadh na cànain agus na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean fad dheich bliadhna fichead. Sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad tha e air a bhith na phrìomh neach-strì gus seanal telebhisean Gàidhlig a steidheachadh. Tha coimhearsnachd na Gàidhlig gu mòr na chomain son a dhìlseachd ‘s a dhìcheall. Tha Bord GMS taingeil airson gach oidhirp a rinn e as leth na buidhne agus as leth luchd-èisteachd radio agus luchd-amhairc telebhisean. Tha sinn an dòchas gun tèid gu math leis, leis na nithean anns am bi e an sàs anns na làithean ri teachd. Bidh na tàlantan agus an t-eòlas a tha aige – agus cha bheag iad – nam feum mòr do dh’iomairt sam bith anns am bi e an sàs.”
Thuirt Mgr MacAoidh, “Seach gu bheil seanal Gàidhlig agus structar ùr airson craoladh Gàidhlig an impis tachairt, tha an t-àm air a thighinn dhòmhsa cothroman ùra agus dùbhlain ùra a ghabhail os làimh. Tha an strì airson slighe nas fheàrr do chraoladh Gàidhlig air a bhith dùbhlanach ach inntinneach. Tha an toileachas a bha agamsa nam obair air a bhith gu mòr an crochadh air sar luchd-obrach agus na Bùird eadar-dhealaichte leis an robh mi an sàs.”
Thuirt Niall Friseal gum bithte a’ sireadh ceannard ùr do GMS an co-bhoinn ris an ath-eagrachadh buidhne a bhithte a’ dèanamh ro stèidheachadh an t-seanail ùir agus ri na còmhraidhean a tha a’ dol air adhart a thaobh com-pàirteachas eadar GMS agus am BBC gus a stiùireadh agus obrachadh.”
Thuirt Ard-stiùiriche BBC Alba Coinneach MacGuaire, “Tron obair aige aig CTG, CCG agus GMS, tha Iain Aonghas air a bhith a’ stiùireadh na slighe air adhart air raon fharsaing de phròiseactan. Tha an obair a rinn e air a bhith luachmhor agus feumail do amharcaich Gàidhlig agus do choimhearsnachd na Gàidhlig san fharsaingeachd.”
For further information:
Neil Fraser, Chairman, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig
Tel: 01851 705550