ENGLISH

Cathy MacDonald

 

Na Boireannaich!


Thursday 21 September 2006, 6.45pm, BBC2 Scotland

Air BBC2 Alba Diardaoin an 21mh den t-Sultain aig 6.45f, chithear ‘Na Boireannaich!’, prògram a tha a’ toirt cothrom do bhoireannaich an latha an-diugh cur às an corp mu dheidhinn an seòrsa saoghal a th’ aca.

Bidh am prògram, a tha air aithris le Patsi NicChoinnich. a’ toirt sùil air mar a tha inbhe nam boireannach air atharrachadh bho na seann lathaichean chun an latha an-diugh. Bidh na boireannaich anns a’ phrògram a’ toirt seachad am beachd air diofar chuspairean – nam measg: cò aig a tha làmh an uachdair ann an saoghal an latha an-diugh – na fir neo na boireannaich, pòsadh, co-ionnanachd, faireachdainn, na rudan a bhitheas a’ cur a’ chais orra, a bheil feum air fir ann an saoghal an latha an-diugh agus gu leòr chuspairean eile.

Am measg na feadhainn a chithear anns a’ phrògram bidh Cathy NicDhòmhnaill agus Mòrag Dhòmhnallach air a bheil sinn eòlach bho shaoghal craoladh na Gàidhlig, Catrìona NicIain a tha a’ teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig, Carina NicLeòid a tha na bana-chleasaiche agus Peigi Wood a tha a-nis air a dreuchd a leigeil dhith.

Chaidh am prògram a riochdachadh le Media nan Eilean agus a mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

Airson tuilleadh fiosrachaidh:
MnE Television, Glaschu

Tel - 0141 249 9999
alasdair@mnetelevision.com

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk