ENGLISH

Dà Chànan, Aon Chridhe/ Twa Leids, Ane Hert

Diardaoin 25 Faoilleach 2007, 6.45f, BBC2 Alba

Am buineadh Burns do shliochd nan Gaidheal?

Gabhaidh feadhainn de phrìomh luchd-ciùil na h-Alba cuairt cuide ris an Ollamh Anna Lathurna Nic’Illiosa, ann am prògram sònraichte a’ thèid a’ chraoladh air BBC2 Alba, sìos corra shlighe annasach ann am beatha is bàrdachd filidh nàiseanta na dùthcha, Raibeart Burns.

Ann an Dà Chànan, Aon Chridhe [Twa Leids, Ane Hert] bheir Anna dhuinn beachd ùr agus air leth pearsanta air beatha is obair a’ bhàird, a’ cuir cuideam air na ceanglaichean eadar dualchas Gàidhlig na Gaidhealtachd agus dualchas Albannach chinn a’ deas na dùthcha, agus nì i seo soilleir tro bhriathran sàr-obair a’ bhàird. Tha i a’ lorg dàimh is cleamhnas dhan Ghàidhlig chan ann a’ mhàin anns a’ chainnt, na smuaintean, cumadh dàin, creideamh dualchasach is creideamhan poilitigeach a’ thug inbhe cho àrd do bhàrdachd Burns, ach cuideachd anns na fuinn Ghàidhealach a’ chleachd e ‘na chuid òrain. Tha i fiù’s a’ toirt gu ar n’aire sgeulachd inntinneach a’ mhair ann am beul-aithris na Gàidhlig - gum buineadh sinnsireachd Bhurns do Earraghaidheal - far an deach i fhèin a’ thogail - is gu robh Gàidhlig aca. [Agus ‘s ann à Dumfris a thàinig sinnsireachd Anna, iad fhèin a’ bruidhinn Gàidhlig. Ràinig a sinn-sinn-seanair ceud bliadhna a dh’aois, agus bha e na bhalach ann am Maxwelltown nuair a bha Burns na ghàidsear ann.] Ach anns a’ phrìomh àite tha i a’ cur faireachdainn anns an robh earbsa riamh aice - gun e an aon chridhe a tha a’ bualadh anns an dualchas Ghàidhealach is Albannach, a’ cheart cho cinnteach ‘sa tha bualadh cridhe foghainteach Raibeart Burns a’ ceangal Alba ris an t-saoghal gu lèir.

Chaidh am prògram seo a’ thogail ann an siorrachd Inbhir-àir, Dumfris, Earraghaidheal agus Dùn Eideann, agus chithear ann feadhainn den luchd-ciùil is tàlantaiche ann an Gàidhlig agus Albais, ann an saoghal ciùil dùthchail an latha an diugh. A’ seinn, cluinnear Jim Malcolm, Anna Lathurna Nic ‘Illiosa, Karen NicMhathain, Magaidh NicAonghais, Sheena Wellington, Ailean Dòmhnallach, Calum Camshron agus Seumas Greumach. A measg an luchd-ciùil, tha Dòmhnall Seadha, Manus Lunny, Ewan Vernal, Anna Massie agus Ali Hutton. Bha Dòmhnall Seadha agus Anna Lathurna Nic’Illiosa nan stiùirichean ciùil air a’ phrògram.

Chaidh an ceòl a’ chlàradh ann an seòmar-ciùil àlainn Talla Oswald, air fearann Colaisde Àiteachais na h-Alba air oighreachd Achnancraobh ann an siorrachd Inbhiràir. Anns a’ Chèitein 1795 rinn Burns an òran “O Wat Ye Wha’s in Yon Town” do thè a bha ainmeil airson a bòidhchead, Lucy Oswald, bean Richard A. Oswald, fear Achnancraobh - ‘sann leotha a bha Talla Oswald aig an àm.

Chaidh am prògram a’ chruthachadh le MnE Telebhisean agus a’ mhaoineachadh le Seirbhis nam Meadhanan Gàidhlig. Tha am prògram anns a’ Ghàidhlig, le fo-thiotalan Beurla.

Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu:

Alasdair MacFhionghuin

MnE Telebhisean

Fòn: 0141 249 9999

Fòn-làimhe: 07774 794 195

alasdair@mnetelevision.com

www.mnetelevision.com

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk