ENGLISH

Àrd Oifigear Ùr aig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig

 

Chaidh Dòmhnall Caimbeul, a tha an-dràsta ‘na Stiùiriche Chìsean aig Ernst & Young, aon de phrìomh bhuidhnean an t-saoghail son sheirbheisean proifeiseanta, a thaghadh mar Àrd Oifigear Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. On Ghearran 2005 tha e air a bhith ‘na bhall neo-ghnìomhach de Bhòrd na Seirbheise ach leigidh e dheth an dreuchd sin nuair a thoisicheas e ‘s an obair ghnìomhach ur aig deireadh an t-samhraidh.

 

A’ foillseachadh an taghaidh, thuirt Niall Friseal, Cathraiche Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig: “Tha a bhith faighinn cuideigin le comasan Dhòmhnaill Chaimbeul son na dreuchd seo aig am cudromach nuair a tha seirbhis digiteach mheadhanan air faire ‘na thoradh taitneach air a bhith lorg cuideigin aig àrd ire son na h-obrach. Tha teisteanas sònraichte aig Mgr Caimbeul: coileantachd mar sgoilear; fileantachd ann an Gàidhlig agus comas ann an cànain Eòrpach eile; geur-bheachd dearbhte air cuisean gnìomhachail agus malairteach; teòmachd ann an cruthachadh bhuidhnean laghail agus co-iomairtean anns na roinnean poblach agus prìobhaideach; eòlas air stiùireadh agus comhairleachadh luchd-obrach; agus eòlas air tighinn gu co-dhùnadh ann am buidhnean poblach.

 

Cheumnaich Dòmhnall Caimbeul, a bhuineas do dh’ Uibhist-a-Deas, ann an Oilthigh Gregorian na Roimhe le àrd-inbhe ann an Lagh Cananach, Diadhachd agus Feallsanachd. An dèidh sin fhuair e barrantas proifeiseanta ann an ionmhas is cìs.

 

Air dha ceumnachadh ann a 1989 thill e dh’Alba agus chuir e seachad da bhliadhna mar shagart sgìre ann an Sgìreachd Easbaig Chaitligeach Earraghaidheal ‘s nan Eilean. An dèidh sin thoisich e air obair ionmhais, an toiseach mar chomhairliche aig Guardian Royal Exchange agus an uairsin mar Neach-sgrùdaidh Chìsean aig Oifis na Cìse Nàiseanta ann an Eardheas Shasainn. Ann a 1997 thill e rithis a dh’Alba agus chaidh e gu Ernst & Young mar Àrd Chomhairliche Chìsean agus ghluais e gu luath tro na h-ìrean gu ruige Àrd Mhanaidsear chìsean agus mu dheireadh Stiùiriche, a’ comhairleachadh cuid de na buidhnean bu chliùitiche ris an robh iad a’ dèiligeadh.

 

A thuilleadh air a bhith ‘na bhall de Bhòrd Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig bha air a’ Chomataidh Sgrùdaidh is Dearbhaidh agus a’ Chomataidh Leasachaidh aca. Bha e cuideachd ‘na bhall den sgioba a bha ag obair an co-bhuinn ris a’ BhBC gus co-phàirteachas ullachadh son sianal digiteach telebhisein Gàidhlig a steidheachadh.

 

Tha Mgr Caimbeul a’ coimhead le fiughair ris an dreuchd ur aige. “Chan fheumar an dùbhlan a mheasadh ann an suarachas,” thuirt e. “Tha am maoineachadh agus an t-ullachadh airson na seirbheis ur digiteach ri thoirt gu buil fhathast. Is ann dhan luchd-amhairc, an luchd-èisdeachd agus an luchd-cleachdaidh a tha ar prìomh dhleastanas. Airson an comain sin a choilionadh feumaidh sinn coimhearsnachd chruthachail a thogail nach eil a-mhàin a’ riochdachadh dualchas is traidisean na Gàidhlig ach a tha cuideachd mothachail air farsaingeachd bheachdan is dhochasan saoghal an la an diugh. Anns a’ choimhearsnachd chruthachail seo tha àite àraidh ann son ceangal beothail le sealladh adhartach a bhith eadar Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, am BBC, riochdairean neo-eisimeileach, buidhnean cànain is ealain, ionadan foghlam aig caochladh ìrean, agus iadsan a tha cleachdadh nan seirbheisean.”

 

 

For further information:

Donald MacKay, Board Member, Gaelic Media Service

Tel: 01224 853 720

 

 

 

 

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk