ENGLISH

Sir Iain Noble

An deidh a ghlacadh ann an stoirm ‘san Eilean Sgitheanach ann an 1972 b’ fheudar dha dà oidhche a chuir seachad air an eilean. Thuit e ann an gaol leis an àite ged a chuir e iongnadh air aig an àm cho furasta ‘s a bha e an uibhir ud de dh’fhearann a cheannach, 23,000 acairean bho Oighreachd Chlann Dòmhnallaich gabhail a steach coilltean, croitean, baile An Ath Leathainn agus Taigh-òsta Eilean Iarmain.

Tha an t-uachdaran ag aithris air turas a ghabh e chun na Eileanan Fàro anns na seasgadan agus an comas a bha e a dèanamh eadar na h-eileanan sin agus an t-Eilean Sgìtheanach. Thoisich rudan a’ tachairt aon uair ‘s gun do ghluais na daoine air falbh bhon Òlaind agus tha Sir Iain de’n bharail tro ath-leasachadh cànain “gun tàinig moit ann am fèin-aithne an t-sluaigh agus gun do lean a h-uile sian bho’n a sin”.

Tha connspaid air Maighstir Iain a leantail airson còrr is dà fhichead bliadhna. Bha moladh a’ tighinn a rathad airson a thaic do leasachaidhean Gàidhlig ach aig an aon àm bhiodh e a’ faighinn a chàineadh le bhith an-sàs ann an leithid Drochaid an Eilean Sgitheanach. Bidh seo a’ nochdadh sa phrògram a thuilleadh air an òraid a thug e air daoine a’ tha a gluasad a-staigh dhan Ghaidhealtachd.

Chaidh am prògram a riochdachadh le MnE, le maoineachadh bho Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk