

An Oigridh agus Na Deugairean
Thursday 28 September 2006, 6.30pm and 7.00pm, BBC2 Scotland
Air BBC2 Alba Diardaoin an 28mh den t-Sultain aig 6.30f chithear ‘An Òigridh!’, prògram a tha a’ toirt cothrom do dh’ òigridh an latha an-diugh cur às an corp mu dheidhinn an seòrsa saoghal anns a bheil iad beò.
A’ gabhail pàirt anns a’ phrògram, a tha air aithris le Ailean Dòmhnallach à Dùn Èideann, tha measgachadh de dh’ òigridh, gillean, nigheanan, peathraichean agus bràithrean agus cuideachd càraidean - iad uile le am beachdan fhèin air an t-saoghal anns a bheil iad beò.
Am measg na chithear anns a’ phrògram bidh clann bho bhun-sgoiltean Ghlaschu, Inbhir Nis, an Eilein Sgitheanaich, Uibhist, Na Hearadh agus Leòdhais.
Bith an òigridh a’ toirt seachad am beachdan air diofar chuspairean làitheil – nam measg bidh na leanas: beachdan air pàrantan, riaghailtean anns an dachaigh, na rudan a bhitheas ag adhbharachadh argamaidean anns an dachaigh, fasan, cùisean airgid, poileataics, co-ionannachd, dreuchdan agus a’ cheist mhòr – an gaol.
As dèidh ‘An Òigridh!’, chithear ‘Na Deugairean!” prògram a tha a’ toirt cothrom do dheugairean an latha an-diugh cur às an corp mu dheidhinn an seòrsa saoghal a th’ aca.
Bidh am prògram, a tha air aithris le Màiri Mhoireasdan, a’ toirt sùil air an seòrsa saoghal anns a bheil na deugairean beò agus iad a’ toirt seachad am beachdan air diofar seòrsa chuspairean. A’ gabhail pàirt anns a’ phrògram tha deugairean bho àrd-sgoiltean Leòdhais, Uibhist, an Eilein Sgitheanaich agus Inbhir Nis.
Am measg cuid dhe na cuspairean air am bi na deugairean a’ beachdachadh bidh na leanas: beachdan air sgoil, foghlam feise, dreuchdan, riaghailtean, pàrantan, creideamh, pòsadh, cleamhnas ron phòsadh, deoch làidir agus drogaichean agus gu leòr chuspairean eile.
Tha gach prògram riochdaichte le Media nan Eilean agus maoinichte le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.