ENGLISH

Air Bhàrr nan Tonn

Diardaoin 16 Samhainn 2006, 6.30f, BBC2 Alba

Air BBC2 Alba Diardaoin an 16mh den t-Samhain aig 6.30f, chithear an ath phrògram anns an t-sreath ‘Air Bhàrr nan Tonn’, sreath phrògraman a tha a’ toirt sùil air dòigh-beatha, cur-seachadan agus tachartasan aig a bheil ceangal ris a’ mhuir.

Is ann an Lìte ann an Dùn Èideann a tha Niall Iain Dòmhnallach an t-seachdain seo agus e a’ dèanamh ceangal eadar am baile sin agus a’ mhuir.  Bidh Niall Iain cuideachd a’ toirt sùil air Port Edgar taobh a-muigh Dhùn Èideann, àite far am faicear mòran thachartasan aig am bheil ceangal ris a’ mhuir.  Bidh Gilleasbuig trang agus esan ann an Leòdhas còmhla ri Seatrek agus cuideachd ann an Caol Acainn ann an Loch Aillse agus e a’ faighinn leasan seòlaidh bho Sheonachan MacLeòid.

Bidh am prògram a’ tadhal air Aonghas MacPhàil à Càirinis ann an Uibhist a Tuath agus esan ag innse an stòiridh a tha air cùl ainm a’ bhàta aige-san.  Cuideachd mar as àbhaist bidh comhairle againn bho dhiofar dhaoine air dè bu chòir do dhuine smaoineachadh air mus tig iad gu muir. 

Chaidh am prògram a riochdachadh le Media nan Eilean agus a mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

Airson tuilleadh fiosrachaidh:
MnE Television, Glaschu

Fòn:  0141 249 9999
alasdair@mnetelevision.com

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk