ENGLISH

Comadaidh Òir

Comadaidh Òir – Sàr sreath Gàidhlig - air-loidhne agus air sgrion an t-seachdain seo!

Diardaoin 16 Samhain 2006, 7.00f, BBC2 Alba

Podcast beò air www.comadaidhoir.co.uk

Tha Comadaidh Òir a’ tilleadh oidhche Diardaoin (16 Samhain) - nas motha - nas dealraiche - agus nas fheàrr. An turas seo tha an t-sreath comadaidh le àileadh beag den fhìrinn, a’ toirt cothrom do chòignear sgrìobhaichean ùra farpais fad na cuairt gu sia sgìrean Gàidhealach, feuch cò da-rìribh Rìgh nan Gàire no Ban-rìgh na Fealla-dhà.

‘Sa chiad phrògram, dìridh còignear sgrìobhaichean ùra air bòrd bus Comadaidh Òir air an t-slighe dhan Òban - gun aca ach trì latha airson sgeidseachan èibhinn a’ dheasachadh dhan luchd-èisteachd a tha a’ feitheamh orra ann an Talla a’ Chorrain. Tha turus gu math sàrachail ron chòignear: Iain MacCoinnich [à Leòdhas bho thùs], Cailean Collier [à Uibhist a Deas], Murchadh MacSuain [à Leòdhas], Catriona Lecsi Chaimbeul [às a’ Phloc] agus Janet Evans [à Eglinton ann an Éirinn] - agus aca ri tadhal air sia àiteachean ann an trì seachdainean. Bha am bus fhèin sgìth mun àm a’ ràinig e Steòrnabhagh, agus thug e suas an deò air fàl an rothaid!

Còmhla ri na còig sgrìobhaichean air bus Comadaidh Òir tha na h-actairean a’ ghabhas pàirt ‘sna sgeidseachan anns gach àite ‘san stad iad. Tha sinn a’ cur fàilte chridheil air ais gu Carina NicLeòid agus Ailig Dòmhnallach, agus tha dà actair ùr Gàidhlig cuide riutha, a’ gabhail a’ cheud cheum proifeasanta: Calum MacAmhlaidh à Uibhist a Tuath, agus Ailig ‘Bambi’ Dòmhnallach à Dìg anns an Eilean Sgiathanach. A’ cumail sùil gheur air a h-uile duin’ aca tha dithis fìor-aithnichte bho rèidio is telebhisean, Cathy agus Mòrag Dhòmhnallach.

Tha am prògram ga sgapadh nas fharsainge am bliadhna le blasad Comadaidh Òir tro podcast a’ biathadh nan dubhan air an eadar-lìon. An sin chì daoine pìosan beaga tarraingeach de na sgeidseachan is èibhinn - agus seallaidhean dhe na tha tachairt air cùl an stèidse, nithean nach nochd idir anns a’ phrògram craolta! Feuch gun toir sibh sùil orra, air www.comadaidhoir.co.uk

‘Se co-riochdachadh eadar Telebhisean MnE agus an Comedy Unit a th’ann an Comadaidh Òir. Tha e air a mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig airson BBC Alba.

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk