ENGLISH

 

Laoidhean Nollaig a Kelvingrove

Laoidhean Nollaig á Kelvingrove

Disathairne 22 Dùbhlachd 2007, 5.40f, BBC2 Alba

Tha Taigh-Tasgaidh Kelvingrove an Glaschu na mheadhan air prògram air leth taitneach de cheòl Nollaige a bhios air BBC2 Alba Disathairne seo tighinn. Ann an Laoidhean Nollaig a Kelvingrove, tha Cathy NicDhòmhnaill an cuideachd cuid de phrìomh chòisirean Ghàidhlig ‘sa bhaile, a thuilleadh air seinneadairean, luchd-ciùil, agus preseantairean telebhisean agus i a’ toirt thugaibh cuirm shònraichte de laoidhean ‘s ceòl Nollaig a tha bàidheach don t-sluaigh.

Bidh mu cheud neach bho ceithir de chòisirean a’ bhaile - Còisir Ghàidhlig Ìlleach Ghlaschu, Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu, Coisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn agus Còisir Ghàidhlig Chomar nan Allt, fon stiùir aig Cairistìona Ghrannd agus iad a seinn laoidhean a bhios a còrdadh ri daoine a chluinntinn aig an àm seo den bhliadhna – laoidhean leithid an laoidh ainmeil aig Teàrlach Wesley, Èisd san Iarmailt Òran Binn, agus an laoidh Gearmailteach Ciùin an Oidhch’.

Tha am prògram maoinichte le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus air a’ riochdachadh le MNE Media agus Hunter Productions. Thuirt neach-labhairt bhon t-Seirbheis, “Tha MNE air cruinneachadh tàlantach a tharraing ri chèile de sheinneadairean is luchd-ciùil agus tha deagh phrògram Nollaig a’ feitheamh air luchd-amharc an Alba. Tha sinn gu mòr air ar dòigh gun robh cothrom again a bhith a’ taisbeanadh leithid de thàlant Gàidhlig”

Cuideachd sa phrògram seo, bidh an cleasaiche Tony Kearney bho River City agus am preseantair rèidio Iain MacIlleMhìcheil a’ leughadh sgeul na ciad Nollaige bhon Bhìoball, agus bidh dithis a choisinn am Bonn Òr, Seumas Greumach agus Fiona NicChoinnich, a’ seinn càraid air an laoidh àlainn aig Maighstir Ailean Dòmhnallach, Biodh an Trianaid Ga Moladh (Iesum Dominum).

Thigibh còmhla riuthasan, clann bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, agus Cathy NicDhòmhnaill ’s a caraidean airson oidhche shoganach a bheir tlachd do shean is òg.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh:

Alasdair MacFhionghuin, Stiùiriche Phrògraman, MNE Media ( 0141 249 999)

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk