ENGLISH

A' Fagail Mhiughalaigh Gd

A’ Fàgail Mhiughalaidh

Diardaoin 4 Faoilleach 2007, 7.00f, BBC2 Alba

Tha dòigh-beatha eilein Mhiughalaidh agus a’ dhualchas shònraichte ‘ga shoilleireachadh ann am prògram fìorasach air BBC Alba, a’ coimhead air mar a dh’fhàg na daoine an eilean ann an 1912 airson Bhatarsaidh, a bha nas fhasa a’ ruigheachd.

Tha am fìor-aithris A’ Fàgail Mhiughalaidh dealrach is dealbhte ann an cumadh air leth, ag ath-chruthachadh beatha làitheil Mhiughalaidh agus a’ cheangal ri beul-aithris, tro cheòl, dràma, guthan agus film as an tasglann, còmhla ri dealbhan ùr den eilean, a’ chreagan is a’ chladaichean, o phlèin agus on chuan. A’ cur ri grinneas a’ phrògram tha sgeadachadh de sreath-chiùil ùr a rinn Magaidh NicAonghais dhan eilean as an do dh’fhalbh a sinnsreachd: ceòl a tha a’ snìomh ‘sa toinneamh puirt, bardachd is òrain traidiseanta Mhiughalaidh, còmhla ri na fuinn ùra aig Magaidh fhèin.

Eilean iomallach, corrach, fàs aig fìor earball a deas nan eilean siar: ann am Miughalaidh tha àilleachd nan cladaichean is aonranachd torrunn nan stuagh, dràma nàduir ach cuideachd a shàmhchair. Bho na linntean tùsail nuair a bha Miughlalaidh cho falamh ‘sa tha e an diugh, tro na bliadhnaichean gus an latha a dh’fhalbh an neach mu dheireadh as, tha taobh an dubhair is taobh an t-soluis air sgeulachd an eilein:  àit’ iomallach, mach a sealladh, fad ás - ach cuideachd coimhearsnachd bheòthail, mothachail de chor is de thachartasan an t-saoghail mhòir agus a’ gabhail pàirt annta. Chan’eil ach ceud bliadhna on a bha a’ choimhearsnachd cho comasach, teòma nan saoghal fhèin ri gin air Ghaidhealtachd.

Anns a’ phrògram tharruingeach, inntinneach seo cluinnear guthan nan eileanach, fianuis luchd-siubhail, agus earrann dhe na thog luchd-cruinneachaidh beul-aithris; a’ chuimhne a th’aig teaghlaichean air an sinnsreachd a thriall as, agus mar a fhuair feadhainn a Miughalaidh prìosan airson  Creach Ruaig Bhatarsaidh. Tha film nach fhaca duine fhathast, film a thog Mairead Fay Seadha ann am Miughalaidh, a’ cur faileas geur is eadhon goirt air sgeulachd eilein far nach eil a’ còmhnaidh an diugh ach na h-eòin-mara - iadsan air an dìon, agus a’ ghainmheach a’ lìonadh dachanan nan daoine.

Rinn MnE Telebhisean am prògram le taic airgid bho Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Tha am prògram anns a’ Ghàidhlig le fo-thiotalan Beurla.

 

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk