Tìr is Teanga air ais airson sreath ùr
Ann an Alba, chan eil teagamh mu cho dlùth is a tha an ceangal eadar cànan agus an dùthaich.
Thèid an ceangal seo a rannsachadh, a mhìneachadh agus a mholadh ann an sreath ur Tìr is Teanga a tha a’ tòiseachadh an ath sheachdain air BBC2 Alba.
A’ siubhal air feadh na Gaidhealtachd is nan Eilean a’ gabhail a-staigh cuid dhe na seallaidhean as àlainn an Alba, bidh an sreath de sia phrògraman a’ toirt deagh bhlasad dhan luchd-amharc air a’ bhuaidh a bh’ aig cànan air na h-ainmean agus faclan air a bheil sin eòlach an-diugh.
Thairis air an t-sreath, a tha cuideachd a’ comharrachadh bliadhna shònraichte ‘A’ Ghaidhealtachd 2007’, bith Cailean MacLeòid a’ sreap ri eòlaichean ionadail is iad a’ toirt seachad nam beachdan aca fhèin air ciamar a chaidh na beanntan, slighean coiseachd, lochan agus gleanntan ainmeachadh.
A’ tòiseachadh an t-sreath, bidh Cailean a’ sreap Beinn Nibheis còmhla ri dithis a tha min-eòlach air a’ bheinn as àirde ann am Breatainn. Bidh Anndra Dòmhnallach a’ coiseachd thairis air mullach Druim an Deamhainn agus bidh Morag Mhàrtainn a’ sreap na beinn tro slighe Càrn Mòr Dearg.
Sa phrògram seo, bidh Cailean cuideachd a’ coiseachd a-mach gu An Steall Ban – an treasamh eas is àirde an Alba.
Chan eil teagamh gum bith an luchd-amharc air an glacadh ris na seallaidhean mìorbhailteach mu thimcheall Gleann Nibheis, is iad air am measgachadh ri mìneachadh air cò às a thàinig na h-ainmean agus a’ bhuaidh a bh’ aig a’ Ghàidhlig orra.
Sa chòrr den t-sreath bidh Cailean a’ sreap ri daoine a tha eòlach air a’ Cuiltheann, a’ beachdachadh air na h-ainmean ann an Àrainn, Diùra agus Muile, agus a’ toirt sùil air a’ bhuaidh Lochlannach air ainmean sgìre Mhuideart agus Suaineart. Thig an sreath gu crioch ann an Gleann Eite le dà bheinn – Beann Starabh agus Beann Cruachan.
Tha an treasamh sreath do Tìr is Teanga air a’ mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus air an riochdachadh leis a’ chompanaidh neo-eisimeileich Caledonia TV. Thèid an sreath a chraoladh air BBC2 Alba aig 6.30f bho 3mh Chèitean.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear GMS, gu bheil Tìr is Teanga a’ tàladh luchd-amhairc a-staigh dhan chànan agus ag ionnsachadh am buinteanas a th’ aig Gàidhlig as an latha an-diugh.
Thuirt e: “Ann an Alba tha cultur, àrainneachd is dùthaich phrìseil againn. Ach aig amannan tha sin a’ dìochuimhneachadh a’ cheangail a tha eadar na trì rudan, neo tha sin aineolach mu cò às a thàinig na h-ainmean.
“Tha Tìr is Teanga a’ toirt an ceangal seo beò airson an luchd-amhairc agus a’ dol ann an doimhneachd a’ mìneachadh ciamar a thàinig na h-ainmean gu bith agus de na stòiridhean a th’ air cùlaibh. Se sreath inntinneach agus tarraingeach a tha seo agus tha làn dùil agam gum bith daoine nas tuigseach mun bhuaidh a bh’ aig ar cànan air Alba.”
Crìoch 27 Giblean 2007
Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu Alison Lang air 01851 705550. Tha dealbhan dhen sreath cuideachd ri fhaighinn bhon àireamh fon seo. Gheibh sibh barachd fiosrachadh mun sreath aig: www.caledonia.tv
Fiosrachadh do luchd-deasachaidh:
Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (GMS) air a stèidheachadh a-rèir an lagh, air a mhaoineachadh tron Riaghaltas agus air a riaghladh le Ofcom. ’S e obair GMS a bhith maoineachadh, coimiseanadh neo riochdachadh phrògraman Ghàidhlig airson telebhisean, rèidio, air-loidhne neo na meadhanan ùra, agus a bhith an-sàs ann an trèanadh, leasachadh agus rannsachadh luchd-amhairc.
’S e amas GMS Seirbheis Didseatach Ghàidhlig a chruthachadh, a’ toirt a-steach telebhisean agus meadhanan eile, a thèid air bhog ann an 2007. Tha GMS agus am BBC aontaichte gun obraich iad còmhla ann an co-bhanntachd gus seirbheis ùr a chruthachadh a bhios beothail, farsaing, cosg-èifeachdach agus stèidhichte anns an là an-diugh.
Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig
Fòn: 01851 705550
Facs: 01851 706432
Post-dealain: fios@gms.org.uk
Làrach-lìn: www.gms.org.uk