
20 Dùbhlachd
Barail Bhoireannach/ A Woman’s View
Diciadain 2 Faoilleach 2008, 2305, STV
Tha sreath de phrògraman eirmseach le deasbad beòthail bho bhoireannaich air ceistean a tha cudromach do choimhearsnachdan Gàidhlig an là-an-diugh dol ga chraoladh sa Bhliadhn’ Ùr. Làn le àbhachd is dibhearsain tha na boireannaich a’ breithneachadh gach seachdain air cuspairean cho eadar-dhealaichte ri airgead is àrainneachd, càirdeas is cleachdaidhean, is fasan is foghlam.
Sa chathair air a’ chòmhradh tha Cathy NicDhòmhnaill a bhios a’ cumail ceann a’ mhaide ris a’ bhannal na dòigh chàirdeil fhèin, a toirt faireachdainn don luchd-amharc nam prògram gu bheil iad a’ far-chluais air còmhradh dlùth-chàirdean eadar nam ban. Bidh na boireannaich air a’ phannal ag atharrachadh bho sheachdain gu seachdain, ag ùrachadh nan deasbad mar a tha an t-sreath a’ dol air adhart.
Tha na prògraman maoinichte le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus air an riochdachadh le MNE Media. Thuirt neach-labhairt bho SnamMG. “Tha e math a bhith a’ faicinn prògram ùr cur-seachad ann an Gàidhlig agus gu h-àraid agus e cho fuasgailte. Tha sinn an làn dòchas gum bidh tarraing san t-sreath seo chan ann a-mhàin do bhoireannaich ach don t-sluagh uile”.
Còmhla ri Cathy anns a’ chiad phrògram den t-sreath ùr seo tha Màiribell Nic a’ Bhreatannaich a bhios gu mòr an sàs ann an gnothaichean sa choimhearsnachd ann am Barraigh, am ban-chleasaiche Carina NicLeòid, an seinneadair Maighread Stiùbhart, agus an neach-ciùil agus obraiche aig Fèisean nan Gaidheal Joy Dunlop á Earra Ghaidheal. ’S e airgead an cuspair a tha Cathy a’ cur fo chomhair nam ban an t-seachdain seo, agus iad a còmhradh mu dhiofar thaobhan den chuspair bho fiachan-airgid chun an toileachas a gheibh daoine bho bhith ga chosg sna bùithtean!
Airson an tuilleadh fiosrachaidh:
Alasdair MacFhionghuin, Stiùiriche Phrògraman, MNE Media ( 0141 249 9999
Fiosrachadh airson luchd-deasachaidh:Rinn MNE Media am prògram le taic airgid bho Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Tha am program anns a’ Ghàidhlig le fo-thiotalan Beurla