ENGLISH

Brigadier John MacFarlaneMontecassino

Thursday 6 October 2005, 6.45pm, BBC2

Chithear prògram sònraichte air BBC Alba Diardaoin an 6mh den Dàmhair, a tha a’ toirt sùil air blàr sgriosal Montecassino bho àm an dàrna cogaidh. Bidh am prògram gu h-àraid a’ coimhead air a’ bhuaidh a bh’ aig a’ bhlàr air manachainn Montecassino agus air baile Cassino fhèin.

Bidh ‘Montecassino’ a' leantail am Brigadier Iain MacPhàrlain agus e air chuairt anns an Eadailt far am bi e a’ tadhal air baile Cassino agus e a’ leantail anns na ceumannan aig mìltean shaighdearan Albannach a bha sabaid aig Cassino. Ged a tha am Brigadier MacPhàrlain air a dhreuchd a leigeil dheth, tha ùidh mhòr aige fhathast ann an eachdraidh bhlàran is eile.

An-diugh tha e doirbh a chreidsinn gur ann aig Montecassino a thachair cuid de na blàran as fiadhaich a chunnaic duine san dàrna cogadh - blàran far an do chaill na mìltean am beatha. Am measg na chaill am beatha bha balaich às a’ Ghàidhealtachd agus às na h-Eileanan, mòran dhiubh a’ faighinn am bàs fo sgàil na Manachainn.

Cluinnear an stòiridh phearsanta aig Calum Dòmhnallach às na Hearadh, a tha an-diugh a’ fuireach ann am Manchester, a bha na shaighdear anns na Dàrna Cameronaich aig Cassino. Bidh Calum a’ cuimhneachadh air an uamhas a chunnaic ‘s a dh’ fhuiling e anns an Eadailt. Thill Calum gu baile Cassino bho chionn bhliadhnaichean agus anns a’ phrògram bidh e a’ bruidhinn air a’ bhuaidh a thug an turas seo air.

Nuair a bhathar a’ clàradh ‘Montecassino’ fhuairear cead sònraichte a bhith a’ clàradh taobh a-staigh na manachainn, a’ toirt sealladh iongantach don luchd-amharc air manachainn Montecassino anns an latha-an-diugh. Cuideachd chithear cuid de sheann fiolm bhon tasglann aig Reuters, ITN agus an Imperial War Museum – fiolm mìorbhaileach a tha a’ toirt sealladh dhen mhanachainn mun àm a chaidh a sgrios.

Cuideachd anns a’ phrògram cluinnear bho eòlaichean eachdraidh a bheir cùnntas air cho cudromach sa tha manachainn Montecassino fhathast mar shamhla cultarach ann a saoghal an latha diugh.

Thèid ‘Montecassino’, a tha air aithris leis am Brigadier Iain MacPhàrlain à Taigh an Uillt, a chraoladh air Diardaoin 6mh den Dàmhair aig 6.45f air BBC2 Alba.

Chaidh am prògram a riochdachadh le Media nan Eilean agus a mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk