ENGLISH

 

Mill a h-uile RudEaltainn – “Mill a h-Uile Rud”

Thursday 29 September 2005, 7.30pm, BBC2

’S e còmhlan punk eadar-dhealaichte a th’ ann am Mill a h-uile Rud.  Tha iad stèidhte ann an Seattle, sna Stàitean, ach chan eil iad a’ seinn ach anns a’ Ghàidhlig.  Leis an luchd-leantainn aca a’ sìor fhàs lìonmhor agus ùidh mhòr aig na meadhanan annta, tha am prògram seo gan leantainn air a’ chiad chuairt Eòrpach aca, le cuirmean-ciùil ann an Alba, san Òlaind agus sa Ghearmailt.

Tha buntainneas ri Alba aig an triùir a tha sa chòmhlan agus bidh na h-òrain aca a’ toirt sùil air beachdan agus feallsanachd dhaoine a thaobh cànain, tro cheòl gun samhail – punk rock Gàidhlig.  Leis mar a tha an ceòl annasach iongantach aca calg-dhìreach an aghaidh stuth traidiseanta tha daoine a’ gabhail ùidh ann ge bith càit’ an cluich iad.

Chaidh an còmhlan a chur air bhonn leis a’ phrìomh sheinneadair is fear-giotàr Tim Ceartas agus an drumair Sìne NicAnndrais ann an Seattle, far an do thogadh iad agus far an robh iad ag ionnsachadh Gàidhlig.  An dèidh dhaibh tighinn a dh’Alba gus a’ Ghàidhlig aca a thoirt air adhart, aig Sabhal Mòr Ostaig, thòisich daoine ann an Alba agus san Roinn Eòrpa a’ mothachadh dha na h-òrain aca, len cuid faclan connspaideach.  Bha seisean beò aca air a’ phrògram-chiùil Rapal, le Niall Iain Dòmhnallach, agus mhisnich sin iad gus falbh air a’ chuairt riaslach aca na bu tràithe air a’ bhliadhna.  Chluich iad anns a’ Mhercat Bar ann an Dùn Èideann an toiseach mus do thog iad orra air bus (le sgioba a bha gu lèir às an t-Sabhal Mhòr) gus cluich ann an Amsterdam agus Dusseldorf.

Seo an dàrna prògram anns an t-sreath ùr de dh’Ealtainn agus bidh e a’ dol a-mach air BBC2 Alba, Diardaoin 29 an t-Sultain aig 7.30f.  Chaidh am prògram a riochdachadh eadar MacTV ann an Steòrnabhagh agus Eyeline Media, companaidh T.Bh. neo-eisimeileach ann an Obar Dheathain.  ’S iad Ruairidh MacAilein agus Calum Aonghas MacAoidh na riochdairean, agus chaidh am prògram a mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

For further information:
Peggy MacInnes:  peigi@mactv.co.uk

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk