MAIGHSTIR CAILEAN
Thursday 26 May 2005, 7.00pm on BBC 2 Scotland

Ann an 1984 chur Maighstir Cailean MacAonghais cùl ri Uidhist a Deas agus aghaidh air paraiste-eaglais, saoghal-sagairteachd agus beatha gu tur eadar-dhealaichte ann an Quito, Ecuador.
Air BBC2 Alba air Diardaoin 26 Cèitean, chithear program sònraichte a chaidh a chlàradh le Maightsir Cailean ‘s e nisd air tighinn gu crois-rathaid eile na bheatha. Am bliadhna tha e a’ fàgail Comitè del Peublo, sgìre làn bochdainn anns a bheil e air sgoiltean, ospadal, uisge glan, banca, rathaidean agus eaglaisean a stèidheachadh thairis air na fichead bliadhna a chaidh seachad.
A bharrachd air a bhith an urra ri beatha spioradail nan daoine ghabh Maighstir Cailean uallach am beatha chorporra cuideachd, agus a dh’aindheoin cunnartan làitheil fiu’s ionnsaighean air a bheatha, sheas e gu daingeann an aghaidh anaceartas, foill agus eucoir.
Anns a’ phrògram gheibhear iomradh air mar a chaidh aige air an t-àite agus beatha nan daoine atharrachadh agus mar a chaidh aige air na mileanan not a thrusadh – cuid dhe anns na h-Eileanan an Iar is Alba – airson cuideachadh le sin a dheanamh. Gheibhte dealbh de shaoghal sagart agus saoghal dhaoine ann an suidheachadh far a bheil bochdainn fhathast mar strì-làitheil dhaibh.
Chithear Maighstir Cailean na obair làitheil fhèin – air ceann seirbhisean eaglais a tha cur thairis moch is anmoch, a’ stiùireadh phròiseactan foghlam is ionmhais, a’ brosnachadh òigridh anns a’ chreideamh, a’ toirt dòchas do theaghlaichean agus a’ misneachadh sean is òg gus leasachadh a thoirt air am beatha fhèin.
Tro bheachdan shluagh na paraiste ach cuideachd tro luchd-naidheachd is luchd-poilitigs a tha riochdachadh saoghal farsaing Quito is Ecuador, chithear a bhuaidh a tha air a bhith aige air a’ choimhearsnachd mhòr, sgaipte seo thairis air fichead bliadhna, Agus le Maighstir Cailean air cò-dhùnadh gu bheil e fàgail Quito am bliadhna, bidh iadsan cuideachd a’ beachdachadh air Comitè del Pueblo as aonais an t-sagairt Albannach aca.
The programme is produced by MnE TV and funded by Seirbheis nam Meadhanan
Gàidhlig.
Additional information:
Morag Stewart (Producer)
01471820190.