Feuch E!
Sunday 15 May 2005, 6.10pm, STV & GTV


A new Gaelic reality series
Cò mheud turas a tha feadhainn againn air a bhith ag iarraidh feuchainn air obair eile? Tha an sreath ùr telebhisean Gàidhlig Feuch E! a’ toirt an dearbh chothrom sin do chompàirtichean - trì làithean neo-àbhaisteach far a bheil iad a’ feuchainn air obair ùr iongantach.
Thairis air na ceithir phrògraman, tha na h-ochdnar chompàirtichean a’ dol ann an suidhichean neo-aithnichte: tha fear-reic bhrataichean ùrlair a’ feuchainn air stalcaireachd an fhèidh, tha òraidiche san oilthigh ag ullachadh airson uairean obrach taigh-fuine, tha obraiche oighreachd a’ feuchainn air a bhith bruidhinn gu poblach, agus tha comhairliche ionadail dha fhaighinn fhèin air bhog aig tuathanas-èisg. Ann am prògraman eile tha neach obrach Cal-Mac a’ dol air ais gun fhìor-thoiseach, oileanach lagha dha faighinn fhèin a’ cuir aghaidh ris an eagal aice aig tuathanas, saor a’ cuir ris an teas ann an sàr thaigh-bidhe ‘s na h-Eileanan, agus rianadair oifis a’ feuchainn air ceàrd-togail. Anns gach raon obrach tha na h-eòlaichean ri làimh airson cuideachadh an fheadhainn ùr air an slighe.
Feumaidh TBh fìrinne bothan bhideo, agus cha robh Feuch E! eadar-dhealaichte san t-seadh sin. Tha studio gluasadach faisg air làimh ris an àit-obrach 24 uair san latha, gus a bhith clàradh àmannan bacaidh agus meòrachaidh. Chan eil britheamh no diùraidh a’ toirt cunntas orra. Tha dàn gach neach fa leth gu mòr nan làmhan fhèin.
Anns a’ chiad phrògram, chithear Cairistiona S NicChoinnich agus Murchadh MacLeoid.
Produced by Mactv, funded by Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.
For further information:
Mactv, Tel: 01851 705638