ENGLISH

Spors

Sunday 27th March 2005, 6.00pm, Grampian & STV

Rhòna Mhàrtainn
Iain MacAckill

Teas air an deigh


Nuair a chuir Rhòna Mhàrtainn a’ chlach mu dheireadh sìos an rinc aig na Lùthchleasan Oilimpiceach o chionn trì bliadhna air ais, bha sia millean neach air bhioran mu choinneamh an telebhisean. Leis a’ chloich sin choisinn sgioba Alba am Bonn Oir ann a Salt Lake City.

Bidh Rhòna a’ cuimhneachadh air an latha mhòr sin air Spòrs na seachdain seo, an treas prògram ann an sreath a tha beachdachadh air geamachan a tha dùthchasach do dh’Alba. Innsidh Fiona NicDhòmhnaill a Inbhirnis, a bha anns an sgioba, nach robh tuairmse aig Rhòna gu robh iad air buannachd gus an deach an sluagh anns an stadium air bhoil.

An cois na buaidh seo thàinig dreach as ùr air a’ ghèam a thòisich air lochan reòta na Roinn Eòrpa. Cha b’e Albannaich a-mhàin a bhiodh a tilgeil cnapan cloiche air an deigh, ach b’iad a thug inbhe foirmeil dhan spòrs nuair a chaidh an Club Curlaidh Cailleannach a chur air chois. Fhuair am buidheann seo inbhe rìoghail on Phrionnsa Albert an dèidh taisbeanadh dhan ghèam a chumail anns an t-seòmar dannsa ann an Lùchairt Sgàin.

Anns a’ phrògram chithear dealbhannan de ghèam eadar deas agus tuath air an deigh air Loch Menteith ann a 1979. Tha e inntinneach smaoineachadh air fuachd a chruthaich deigh air am b’urrainn da mhìle neach seasamh.

Tha ìomhaigh a’ ghèam ag atharrachadh. Aig aon àm b’e daoine na bu shine a bhiodh a’ gabhail pàirt, ach an diubh tha an òigridh a’ gabhail ùidh ann agus a’ coimhead air adhart ri prìomh dhuaisean nan Oilimpics.

Chithear Spòrs air Telebhisean na h-Alba agus Grampian aig 6.00f air Didòmhnaich Màrt 27. Tha an t-sreath air a riochdachadh le Kenyon Communications agus air a mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

Both programmes are produced by Tern TV and funded by Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

For further information:
Tern TV
01224 211 123

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk