Streath Ùr - Fianuis Shùil
Sunday 26 June 2005, 11.45am/12.00pm

Chithear a’ chiad phàirt de Fianuis Shùil
air Latha na Sàbaid an 26mh den Òg Mhìos air Telebhisean
Grampian agus Telebhisean na h-Alba.
Anns an t-sreath ùr seo, bithear a’ coimhead air a’ bhuaidh
a bh’ aig teicneòlas ùr na ficheadamh linne air beatha
dhaoine air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan.
Air prògram na seachdain seo bidh Fianuis Shùil
a’ toirt sùil air a’ bhuaidh a bh’ aig inneal a dh’
atharraich obair cruitearachd gu tur – an tractar Ferguson - agus gu
h-àraidh bithear a’ coimhead air am Fergie Beag Glas, tractar
a dh’atharraich obair cruitearachd chan ann a mhàin ann an Alba
ach air feadh an t-saoghail.
Am measg nan daoine a chluinnear anns a’ phrògram seo bidh Màrtainn
MacPhàil agus e a’ cuimhneachadh air a’ chiad turas a bha
e air tractar ann a Leòdhas agus cuideachd a’ chiad tractar a
cheannaich e fhèin ann a 1949. Bidh Eòin Dòmhnallach,
Ena NicNèill agus Uilleam MacLeòid a’ cuimhneachadh air
mar a bha daoine a’ dèanamh a’ chùis nuair nach
robh aca ach eich airson an obair a dhèanamh. Thadhail Fianuis
Shùil air Dòmhnall MacLeòid, ann an Ceann Loch
Gilb, aig a bheil cruinneachadh de shia air fhichead tractar agus cuideachd
Dennis Caimbeul ann a Leòdhas aig a bheil cruinneachadh sònraichte
eile de thractaran.
Bhathar a’ fiolmadh airson an t-sreath seo sna h-eileanan an Iar, san
Eilean Sgitheanach, Loch Aillse, Earra-Ghàidheil, Lios Mòr,
Ìle, Ratharsaidh agus Tiriodh. Anns a’ phrògram chithear
cuid de sheann fiolm bhon tasglann aig Massey Ferguson.
Thèid Fianuis Shùil, a tha air aithris le Boyd
Robasdan, a chraoladh air Latha na Sàbaid 26mh den Òg Mhìos
aig 6.10f air Telebhisean Grampian agus Telebhisean na h-Alba.
Chaidh am prògram a riochdachadh le Media nan Eilean agus a mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.
For further information:
MnE TV, Isle of Skye
Tel - 01471 820 190
skye@mnetelevision.com