Fianuis Shuil
Sunday 3 July, 6.10pm, STV & GTV

Chithear an dàrna prògram anns an t-sreath Fianuis
Shùil Latha na Sàbaid an 3mh den Iuchair air Telebhisean
Grampian agus Telebhisean na h-Alba.
Anns an t-sreath seo bithear a’ coimhead air a’ bhuaidh a bh’
aig teicneolas ùr na ficheadamh linne air beatha dhaoine air a’
Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan. Air prògram na seachdain
seo bidh Fianuis Shùil a’ toirt sùil air a’ bhuaidh
a bh’ aig telebhisean air dòigh beatha agus coimhearsnachdan
nan eilean nuair a thàinig e an toiseach.
An diugh tha e doirbh smaoineachadh air saoghal às aonais telebhisean,
ach tha deagh chuimhne aig cuid a ghabh pàirt anns a’ phrògram
air a’ chiad turas a chunnaic iad telebhisean agus cuideachd na prògraman
air am biodh iad a’ coimhead.
Bidh Dòmhnall MacLeòid à Leòdhas a’ cur
nar cuimhne mar a thug Donnie MacIomhair agus Fred Dart telebhisean dha na
h-Eileanan an Iar an toiseach. Tha cuimhne aig Alasdair MacNeacail à
Ratharsaidh air aon chailleach san Eilean a bhiodh a’ cur oirre aodach
spaideil airson na naidheachdan a choimhead – dìreach air eagal
‘s gum faiceadh an neach naidheachd an t-aodach a bh’ oirre. Bidh
Uilleam MacLeòid à Barbhas a’ bruidhinn air a’ chabhag
a bh’ air fhèin airson telebhisean dathte fhaighinn airson gum
faiceadh e Pot Black ceart. Bho chionn bhliadhnaichean bha e gu math cumanta
do dhaoine a bhith a’ cèilidh air a chèile ach cluinnidh
sinn bho Lachlainn Moireasdan à Griomasaigh agus easan dhen bheachd
gun do dh’ atharraich seo gu tur nuair a thàinig an telebhisean.
Bhathar a’ fiolmadh airson an t-sreath seo sna h-Èileanan an
Iar, san Eilean Sgitheanach, Ratharsaidh, Loch Aillse, Earra-Ghàidheil,
Lios Mòr, Ìle agus Tiriodh. Anns a’ phrògram seo
chithear criomagan de phrògram a chlàr Telebhisean na h-Alba
ann an Uibhist anns na 60s nuair a thàinig telebhisean dha na h-eileanan
an toiseach. Cuideachd airson ar toirt air ais bliadhna na dhà chì
sibh criomagan de chuid a phrògraman air a bheil cuimhne aig an fheadhainn
a ghabh pàirt anns a’ phrògram.
Thèid Fianuis Shùil, a tha air aithris le Boyd
Robasdan, a chraoladh air Latha na Sàbaid 3mh den Iuchair aig 6.10f
air Telebhisean Grampian agus Telebhisean na h-Alba.
Chaidh am prògram a riochdachadh le Media nan Eilean agus a mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.
For further information:
MnE TV, Isle of Skye
Tel - 01471 820 190
skye@mnetelevision.com