Fianuis Shuil
Sunday 10 July, 6.10pm, STV & GTV

Chithear an ath phrògram anns an t-sreath Fianuis Shùil Latha
na Sàbaid an 10mh den Iuchair air Telebhisean Grampian agus Telebhisean
na h-Alba.
Anns an t-sreath seo bithear a’ coimhead air a’ bhuaidh a bh’
aig teicneolas ùr na ficheadamh linne air beatha dhaoine air a’
Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan.
Air prògram na seachdain seo bidh Fianuis Shùil a’ toirt
sùil air a’ bhuaidh a bh’ aig bàtaichean aiseig
chàraichean air dòigh beatha agus coimhearsnachdan nan eilean
nuair a thàinig iad an toiseach.
Tha e doirbh smaoineachadh air saoghal às aonais na ceanglaichean còmhdhail
a th’ againn an-diugh. Tha bàtaichean aiseig chàraichean
a’ seòladh dhan a’ chuid as motha de phuirt air taobh an
iar Alba. Thòisich aiseagan chàraichean gluasad sònraichte
a dh’ fhosgail iomadh doras as ùr do thurasachd, siubhail is
gnìomhachas air feadh na Gàidhealtachd is nan eilean.
Bidh Uisdean Robasdan à Uibhist a Tuath a’ cur nar cuimhne cho
math is a tha bàtaichean aiseig an latha an-diugh an coimeas ris mar
a bha iad bho chionn bhliadhnaichean. Bidh Dòmhnall MacIlleDhuibh à
Lios Mòr agus Alasdair MacNeacail à Ratharsaigh a’ cuimhneachadh
air an atharrachadh a thàinig air na h-eileanan acasan nuair a thàinig
na bàtaichean aiseig chàraichean an toiseach. Bidh cuid a dhaoine
a’ cuimhneachadh mar a bhitheadh iad a’ siubhail gu Tìr
Mòr air bàtaichean carago agus bidh feadhainn eile a’
cuimhneachadh air na seann bhàtaichean a bhitheadh a’ frithealadh
nan eileanan – an ‘Loch Mòr’, an ‘Loch Seaforth’
agus an ‘Lochearn’. Bidh Iain Aonghas Moireach à Steòrnabhagh
a’ cuimhneachadh air mar a bhitheadh iad a’ toirt stuth togail
dhachaigh dha na h-eileanan air na bàtaichean carago mus tàinig
na bàtaichean aiseig chàraichean.
Tha bàtaichean an latha an-diugh nas comhfhurtail agus tòrr
nas luaithe na bha na seann bhàtaichean, agus tha deagh chuimhne aig
Mina NicNeilage à Loch nam Madadh air a bhith siubhail às Malaig
agus às a’ Chaol a dh’ Uibhist – slighe a bha a’
toirt co-dhiù dusan uair a thìde. Bha an t-Urr Ruairidh MacLeòid
às an Fhùirneis aon turas a’ siubhail à Uibhist
airson a dhol dhan sgoil ann am Port Rìgh agus air sgàth droch
shìde bha aca ri dhol tro Loch Baghasdail agus thug an slighe sin bho
Loch nam Madadh gu ruige Port Rìgh sia uairean fichead. An-diugh thig
agaibh air an slighe sin a dhèanamh ann an dà uair a thìde.
Bhathar a’ fiolmadh airson an t-sreath seo sna h-Eileanan an Iar, san
Eilean Sgitheanach, Ratharsaigh, Loch Aillse, Earra-Ghàidheil, Lios
Mòr, Ìle agus Tiriodh. Anns a’ phrògram seo chithear
cuid de sheann fiolm bhon tasglann a bhuineas do HH Mills – fiolm a
chaidh a chlàradh mu na h-eileanan anns na 60s.
Thèid Fianuis Shùil, a tha air aithris le Boyd Robasdan, a chraoladh
air Latha na Sàbaid 10mh den Iuchair aig 6.10f air Telebhisean Grampian
agus Telebhisean na h-Alba.
Chaidh am prògram a riochdachadh le Media nan Eilean agus a mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.
For further information:
MnE TV, Isle of Skye
Tel - 01471 820 190
skye@mnetelevision.com