Tabhartasan son Craoladh Gàidhlig
Anns na ceithir miosan eadar 1 Faoilleach agus 30 Giblean 2005, thainig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig gu aonta ri riochdairean phrògraman Gàidhlig son 79 uairean a thìde de phrògraman telebhisein luach £4,008,054.
Tha na cùmhnantan mar a leanas:
- BBC: £2,388,330
- Riochdairean Neo-eisimileach: £1,236,653
- Scottish Media Group: £383,071
Anns na h-aon cheithir mìosan, lìbhrig an t-Seirbheis £3.5 millein ann an tabhartasan riochdachaidh mu choinneimh nam programan seo agus feadhainn eile chaidh aontachadh a cheana. Tha liostaichean de na cumhnantan agus na tabhartasan air na duilleagan an cois seo.