Trèanadh
Bidh ullachadh dhaoine agus sgilean airson leasachadh sianal na phrìomh phàirt den trèanadh. Gabhaidh seo a-steach trèanadh air an taobh a-staigh agus sgrùdadh sgilean, a thèid a dhèanamh còmhla ri measadh Creideas nar Cosnaichean a tha air a ghabhail a-staigh sa phrògram.
'S ann tro Urras Trèanaidh Telebhisean Gàidhlig as motha a bhios dleastanasan trèanaidh làn-ùine na Seirbheis air an lìbhrigeadh. 'S e an t-Urras a bhios a' comharrachadh feuman trèanaidh, a' stèidheachadh prìomh-amasan, ag aontachadh nan dòighean airson prògraman trèanaidh a lìbhrigeadh agus a' co-òrdanachadh iomairtean togail-airgid.
Tha an Dioplòma ann an Telebhisean is Ioma-mheadhan air a ruith le Sabhal Mor Ostaig, colaiste Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a tha a' lìbhrigeadh cùrsa trèanaidh làn-ùine an Urrais agus ag ullachadh modalan trèanaidh sa cholaiste. Bidh an gnìomhachas a' toirt suidheachadh trèanaidh do bhuidheann de ochd foghlamaich a bhios air am fastadh gach bliadhna. Bidh an t-Seirbheis a' pàigheadh 53% de chosgaisean iomlan a' chùrsa. Bidh an tabhartas seo air ath-sgrùdadh bho àm gu àm an lorg lùghdachadh sa mhaoineachadh bho Iomairtean Eòrpach agus Ionadail.
Cuidichidh an t-Seirbheis daoine an sgilean a leasachadh tro mhaoineachadh cùrsaichean goirid agus greisean-obrach anns na roinnean neo-cheangailte, neo-eisimeileach agus craolaidh. Bithear a' cur airson maoineachadh bhon Lìonra Iomairt Ionadail a chuireas ri taic na Seirbheis.
Ged a bhios cudrom air leasachadh sgilean riochdachaidh agus teicneolach, agus cur aghaidh air a' ghainnead ann an teicneòlaichean le Gàidhlig, gheibh na foghlamaich cothroman trèanaidh iomchaidh anns an raon chruthachail, gu sònraichte ann an leasachadh sgilean sgrìobhaidh is cleasachd.