Sgrùdadh Amharcachd
Gus a raon-obrach a thaobh rannsachadh craolaidh a choileanadh tha an t-Seirbheis a' toirt seachad maoineachadh airson eagrachadh agus cumail suas Pannal Sgrùdadh Amharcachd Gàidhlig, a tha air a rianachd le Lèirsinn, aonad rannsachaidh Shabhal Mòr Ostaig. Bidh Lèirsinn a' toirt cunntas air roghainnean agus beachdan mu phrògraman, gluasadan amhairc, mìneachadh air càileachd, agus cùisean a bhuineas do mhuinntir na coimhearsnachd Ghàidhlig.
Gus cur ri fiosrachadh a' Phannal bidh Lèirsinn cuideachd a' cur air adhart buidhnean fòcais agus a' dèanamh pròiseactan rannsachaidh sònraichte a bhios a' cuideachadh le measadh air prògraman maoinichte agus dealbh ro-innleachd ri teachd, gu sònraichte ann an suidheachadh digiteach agus àrainneachd craoladh Gàidhlig ùr.
An co-cheangal ris an rannsachadh a thaobh inbhe gheibh an t-Seirbheis fiosrachadh a rèir meud bho àireamhan amharcachd BARB le David Graham Associates. Bidh am fiosrachadh seo air a chur còmhla ri co-dhùnaidhean a' Phannal Sgrùdadh Amharcachd.
Anns an sgrùdadh amharcachd bidh rannsachadh air beachdan agus feuman luchd-amhairc a thaobh seirbheis dhigiteach, nam meadhanan ùr agus prògraman ioma-mheadhan.