Na Meadhanan Ùra
Cumaidh an t-Seirbheis a' dol a' maoineachadh Sgleog, an làrach-lìn soirbheachail do dheugairean.
Le cleachdadh agus buaidh stuth foghlaim air-loidhne a' leudachadh, bidh tomhas den bhuidseat airson prògraman foghlaim telebhisein is rèidio air a chur ri ullachadh pròiseactan eadar-lìn leasachail, gu h-àraidh airson cur ri iomairtean air-loidhne a' BhBC.
Bithear a' maoineachadh sreath eile de Litir do Luchd Ionnsachaidh, an litir-naidheachd do Luchd-ionnsachaidh Gàidhlig, air a chraoladh le Radio nan Gaidheal, agus prògram ùr do luchd-ionnsachaidh aig ìre nach eil cho adhartach. Tha Litir do Luchd Ionnsachaidh ann am fuaim/teacsa ri fhaotainn air làrach-lìn a' BhBC, agus tha an teacsa ann an trì pàipearan-naidheachd.
A' toirt àite don cheangal eadar sgrìobhadh agus craoladh, bheir an t-Seirbheis taic do phròiseactan litreachais le ceangal ri agus buannachd do chraoladh Gàidhlig.