ENGLISH

Dleastanas a' Chathraiche agus nam Ball

  1. Tha uallach shònraichte air a' Cathraiche, le comhairle bhon Stiùiriche, airson stiùireadh a thoirt mu chùisean mar:
    • Cur ri chèile ro-innleachd GMS airson a dhleastanasan reachdail a choileanadh;
    • Riochdachadh beachdan GMS;
    • Misneachadh ìrean àrda freagarrachd;
    • Brosnachadh feum freagarrach agus èifeachdach de luchd-obrach agus stòrasan eile air feadh na buidhne; agus
    • Toirt measadh air coileanadh Bhall fa leth nam bithear a' beachdachadh air an cur an dreuchd a-rithist gu GMS no an taghadh gu Bòrd buill poblaich eile.
  2. Nì am Bòrd cinnteach gun coinnich GMS gu cunbhalach tron bhliadhna agus gum bi geàrr-chunntasan choinneamhan a' dèanamh clàradh pongail air co-dhùnaidhean.

  3. Tha dleastanasan Bhall a' gabhail a-steach:
    • Coileanadh an dleastanasan fo Achd Conaltraidh 2003 agus reachdas no Òrdughan leasachail sam bith a thèid a chur rithe;
    • Stèidheachadh frèam poileasaidh agus stòrais airson obair GMS agus stiùireadh ro-innleachdail iomlan na buidhne taobh a-staigh an fhrèam sin;
    • Dèanamh cinnteach gu bheilear daonnan a' gleidheadh nan ìrean riaghlaidh corporra as àirde; agus
    • Dèanamh cinnteach gum bi GMS ag obrachadh taobh a-staigh crìochan ùghdarras reachdail agus gum bi luchd-obrach ag obrachadh taobh a-staigh crìochan ùghdarrais tiomnaichte.
dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk