ENGLISH

Dleastanasan Chomataidhean

Comataidh Ro-innleachd agus Poileasaidh

Stèidheachadh agus Ballrachd

  • Coinneachadh co-dhiù dà uair gach bhliadhna
  • Ballrachd: Cathraiche; Stiùiriche; buill eile de GMS nach eil nam buill de chomataidh GMS sam bith eile. Gabhaidh am ballrachd a-steach cuid de na buill riochdachail.
  • 'S e ball den luchd-obrach a bhios na Rùnaire air a' Chomataidh.

Ùghdarras

Tha a' Chomataidh ùghdarraichte le GMS a bhith a' cur air dòigh ro-innleachd aig ìre àrd agus a' dealbh, ag ath-sgrùdadh agus a' moladh poileasaidhean agus cleachdaidhean gus am faigh iad air na h-amasan ro-innleachdail a choileanadh.

A thuilleadh air beachdachadh air na h-amasan ro-innleachdail iomlan nì a' Chomataidh cuideachd measadh air na prionnsabalan a tha a' riaghladh raointean obrachaidh mar maoineachadh, pròiseactan, trèanadh, goireasan, seirbheisean bho muigh, feuman luchd-cleachdaidh agus dàimh luchd-earrainn.

Dleastanasan

  • Suidheachadh agus prìomhachadh ro-innleachdan a bheir cothrom don t-Seirbheis a h-amasan geàrr-ùine agus fad- ùine a choileanadh
  • Dèanamh cinnteach gu bheil poileasaidhean freagarrach air an ullachadh agus gum bi siostaman gnìomhach air an stèidheachadh airson an cur an gnìomh
  • Dèanamh cinnteach gu bheil cuairt-phlanaidh freagarrach air a stèidheachadh gus an soirbhich iomairtean ro-innleachdail
  • Cumail sùil air èifeachdas modhan-obrach ro-innleachdail.

Aithisgean

Bidh an luchd-obrach a' cuairteachadh geàrr-chunntasan na Comataidh gu gach ball de GMS.

Ballrachd Làithreach

Niall Friseal
Rob Dunbar
Coinneach MacGuaire


Comataidh Tagraidh

Stèidheachadh agus Ballrachd

  • Coinneachadh co-dhiù dà uair gach bhliadhna
  • Ballrachd: Leas-stiùiriche; Manaidsear Gnothaich; buill eile nach eil nam buill de chomataidh GMS sam bith eile. Leis gum bi a' Chomataidh seo a' beachdachadh agus a' dèanamh mholaidhean mu mhaoineachadh pròiseactan sònraichte, agus gus strì eadar com-pàirtichean no coltas air a sheachnadh, cha bhi ballrachd a' gabhail a-steach riochdairean bhuidhnean aig a bheil com-pàirt ionmhasail ann am beachdachadh na Comataidh.
  • 'S e ball den luchd-obrach a bhios na Rùnaire air a' Chomataidh.

Ùghdarras

Tha a' Chomataidh air ùghdarrachadh le GMS a bhith a' dèanamh molaidhean mu leasachadh agus taghadh leantainneach stuthan, pròiseactan agus seirbheisean. Bheir e aire iomchaidh do shusbaint agus lìbhrigeadh agus cuidichidh e a' dèanamh cinnteach gum bi cuairt an stutha bho bheachd-smuain gu cleachdadh a' toirt an luach as fheàrr, a' coinneachadh ri sùileachadh luchd-amais, agus a' coileanadh amasan GMS agus feuman a luchd-cleachdaidh.

Dleastanasan

  • Comhairleachadh air slatan-tomhais airson susbaint, measgachadh ghnèithean agus an luchd-amhairc ris a bheilear ag amas
  • Measadh agus comhairle air dàimhean le luchd-cleachdaidh/luchd-ceannaich/luchd-dèiligidh agus air am beachdan
  • Cumail sùil air rannsachadh agus beachdan luchd-amhairc
  • Comhairleachadh air com-pàirteachadh ann am pròiseactan nach eil co-cheangailte ri craoladh
  • Measadh agus moladh shlatan-tomhais airson measadh agus taghadh phròiseactan
  • Ath-sgrùdadh agus measadh phrògraman agus phròiseactan thar na meadhanan uile

Aithisgean

Bidh an luchd-fastaidh a' cuairteachadh geàrr-chunntasan na Comataidh gu gach ball de GMS.

Ballrachd Làithreach

Shona NicIllinneinn (Cathraiche)

Niall Friseal (Neach-amhairc)

Ailean Caimbeul
Morag Anna NicLeòid
Iseabail Nic an t-Sagairt


Comataidh Sgrùdaidh is Dearbhaidh

Stèidheachadh agus Ballrachd

  • Coinneachadh dà uair co-dhiù gach bhliadhna agus aon uair air a' char as lugha le sgrùdairean bho muigh.
  • Feumaidh co-dhiù 3 buill de GMS a bhith air a' Chomataidh Sgrùdaidh agus gun Cathraiche GMS no comataidh GMS sam bith eile a bhith air gin dhiubh.
  • Feumaidh aon bhall co-dhiù den Chomataidh Sgrùdaidh a bhith eòlach air obair ionmhasail no faodar comhairleach ionmhais neo-eisimeileach a cho-thaghadh.
  • 'S e ball den luchd-obrach a bhios na Rùnaire air a' Chomataidh.

Ùghdarras

Tha a' Chomataidh air ùghdarrachadh le GMS a bhith a' sgrùdadh obair sam bith taobh a-staigh a cumhachan iomraidh. Tha ùghdarras aca fiosrachadh sam bith air am bi feum iarraidh bho neach-obrach sam bith agus thathar ag iarraidh co-obrachadh bhon h-uile neach-obrach le iarrtas reusanta sam bith a nì a' Chomataidh.

Dleastanasan

  • Breithneachadh air in-smachd, poileasaidhean cunntasachd agus sgrùdadh bhon taobh a-muigh
  • dearbhadh gu bheil poileasaidhean,dòighean-obrach agus siostaman freagarrach, a rèir riatanasan reachdail agus builichte gu h-iomchaidh
  • Measadh air cunnartan agus èifeachdas na Seirbheis fhèin
  • Barrantachadh ma chithear iomchaidh neach-comhairleachaidh ionmhais neo-eismeileach airson in-sgrùdadh co-dhiù uair sa bhliadhna
  • Cunntas mu thoraidhean chun a' Bhùird

Aithisgean

Bidh an luchd-obrach a' cuairteachadh geàrr-chunntasan na Comataidh gu gach ball de GMS.

Ballrachd

Domhnall MacAoidh (Cathraiche)

Niall Friseal (Neach-amhairc)
Donnchadh MacAonghais
Ailig MacIlleathain

 

Comataidh Tuarastail

Stèidheachadh agus Ballrachd

  • Coinneachadh uair gach bliadhna
  • Ballrachd: Cathraiche agus trì neachan eile bhon Bhòrd

Ùghdarras

Tha a  chomataidh ùghdarraichte le GMS airson molaidhean a' dhèanamh air cùisean thuarastail son Bòrd agus luchd-obrach GMS.

Tha raon-ùghdarrais Comataidh Tuarastail a' gabhail a-staigh:

  • co-dhùnadh air tuarastal agus sochairean an luchd-obrach gach bliadhna
  • ath-sgrùdadh ullachaidhean peinnsein co-dhiù gach trì bliadhna
  • cumail siùl air gnothaichean co-cheangailte ri fastadh, leigeil seachad dreuchd neo pàigheadh dheth
  • ath-sgrùdadh chumhachan is chùmhnantan obrach

Ballrachd

Iseabail Nic an t-Sagairt (Cathraiche)

Niall Friseal

Donchadh MacaAonghais

Dòmhnall MacAoidh



dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk