Còdan Obrachaidh
Aithris Riaghlaidh
Raon-ùghdarrais na Seirbheis
Chaidh an t-Seirbheis a stèidheachadh fo ullachadh Achd Conaltraidh
2003, Earrannan 208-210, gus dèanamh cinnteach gum bi sreath fharsaing
agus mheasgaichte de dheagh phrògraman Gàidhlig air an lìbhrigeadh
tro chraoladh no eile gu sluagh na h-Alba.
Tha ùghdarras air a thoirt don t-Seirbheis airson prògraman
a dhèanamh agus ceadan craolaidh a chumail a bharrachd air an fheadhainn
shònraichte air an liostadh ann an Earrann 208 (4B) de Achd Craolaidh
2003. Tha i air cumhachdan agus dleastanasan maoineachaidh a ghabhail a-staigh
a thaobh maoineachadh phrògraman Gàidhlig, trèanadh,
rannsachadh agus obair dhàimheach fo Earrannan 183 agus 184 de Achd
Craolaidh 1990, Earrannan 32 agus 95 de Achd Craolaidh 1996 agus Pàipearan-taice
co-cheangailte riutha.
Structair a' Bhùird
Tha am Bòrd air a dhèanamh suas de Chathraiche agus suas ri 11 ball eile (10 ann an 2004/05). Tha buill air an cur an dreuchd airson ùine-shuidhichte le Oifis a' Chonaltraidh (OFCOM) le aonta bho Rùnaire Stàite na h-Alba. Tha an Stiùiriche air a thaghadh leis a' Bhòrd Seirbheis.
Tha an t-Seirbheis a' strì ri bhith a' coileanadh èifeachdas leantainneach a-staigh anns gach roinn obrachaidh aca gus an coilean iad ìre cunntachalachd nas àirde, mar sin tha am Bòrd air trì Comataidhean a stèidheachadh gus buaidh agus èifeachdas a dhaingneachadh.
Comataidh Sgrùdaidh agus Barrantais
Bidh a' Chomataidh Sgrùdaidh agus Barrantais a' coinneachadh co-dhiù dà uair sa bhliadhna. Tha an raon-ùghdarrais aice a' gabhail a-staigh:
- Breithneachadh air in-smachd, poileasaidhean cunntasachd agus sgrùdadh
bhon taobh a-muigh
- Dearbhadh gu bheil poileasaidhean, dòighean-obrach agus siostaman
freagarrach, a rèir riatanasan reachdail agus builichte gu h-iomchaidh
- Measadh air cunnartan agus èifeachdas na Seirbheis fhèin
- Barrantachadh neach-comhairleachaidh ionmhais neo-eisimeileach airson
in-sgrùdadh co-dhiù uair sa bhliadhna
- Cunntas mu thoraidhean chun a' Bhùird
Comataidh Ro-innleachd agus Poileasaidh
Tha raon-ùghdarrais na Comataidh Ro-innleachd agus Poileasaidh a' gabhail a-staigh:
- Suidheachadh agus prìomhachadh ro-innleachdan a bheir cothrom
don t-Seirbheis a h-amasan geàrr-ùine agus fad-ùine a
choileanadh
- Dèanamh cinnteach gum bi poileasaidhean freagarrach air an
ullachadh agus gum bi siostaman feumail an sàs airson an cur an gnìomh
- Dèanamh cinnteach gum bi cuairt dealbhaidh fhreagarrach an
sàs gus cuideachadh le iomairtean ro-innleachdail
- Sgrùdadh air èifeachdas modhan-obrach ro-innleachdail
- Ath-sgrùdadh a' Phlana Chorporra Bhliadhnail ro aontachadh a' Bhùird
Comataidh Leasachaidh
Tha raon-ùghdarrais na Comataidh Leasachaidh a' gabhail a-staigh:
Measadh agus moladh taghadh de thagraidhean a fhuaireadh airson maoineachadh
Sgrùdadh agus measadh air prògraman agus pròiseactan
thar speactram nam meadhanan
Measadh agus comhairle air ceanglaichean agus beachdan luchd-cleachdaidh/-ceannaich/-dèiligidh
Measadh air sgrùdadh amharcachd agus fios air ais
Comhairle mu chom-pàirteachadh ann am pròiseactan nach buin
do chraoladh
Measadh agus moladh shlatan-tomhais airson luachadh agus taghadh phròiseactan
Cunntachalachd agus In-smachd
Tha am Bòrd ag obrachadh siostam in-smachd gus am bi cunnartan air an lùghdachadh airson dìon a chur air cùisean na Seirbheis. Tha an t-uallach iomlan air na buill airson dèanamh cinnteach gun cum am Bòrd suas siostam in-smachd a bheir dhaibh barrantas reusanta gu bheil am fiosrachadh ionmhais a bhios air a chleachdadh a-staigh agus air fhoillseachadh a-muigh fìor, còmhla ri dìon maoin na Seirbheis bho ghnàthachadh no suidheachadh neo-ùgdaraichte.
Ged nach urrainn do shiostaman in-smachd sam bith làn bharrantas a thoirt an aghaidh mì-aithris, call no mì-riaghladh maoin na Seirbheis, tha na siostaman an sàs dealbhte airson comharrachadh do na buill cùisean a tha ag iarraidh aire ann an tìde gus an tèid beachdachadh orra agus dèiligeadh riutha gu h-iomchaidh.
Structair Eagrachaidh
Tha structair eagrachaidh na Seirbheis dealbhte airson gun tèid planadh, conaltradh, buileachadh, riaghladh agus sgrùdadh soilleir a dhèanamh air poileasaidhean agus amasan a' Bhùird. Tha am Bòrd gu mòr airson luchd-obrach le teisteanas iomchaidh fhastadh aig ìrean iomchaidh gus dèanamh cinnteach gum bi obair na Seirbheis air a stiùireadh gu h-èifeachdach.
Fhuair an t-Seirbheis inbhe Creideas nar Cosnaichean ann an 1999 mar chomharradh air dealas na Seirbheis airson taic do leasachadh pearsanta luchd-obrach agus do leasachadh buidhne.
Siostaman Fiosrachaidh
Tha na siostaman fiosrachaidh stiùiridh a' toirt cunntasan iomchaidh ann an deagh àm bhom faigh àrd luchd-stiùiridh, am Bòrd agus OFCOM air sùil a chumail air coileanadh obair na Seirbheis. Tha cinn-buidseit air an sgrùdadh an co-cheangal ris an ìre obrach, gnè chosgaisean agus dualan phrògram mar a chaidh aontachadh gu foirmeil le OFCOM. Tha a h-uile ceann-buidseit air a sgrùdadh gach mìos agus cunntasan air an ullachadh don luchd-stiùiridh agus don Chathraiche. Tha aithrisean agus cunntasan ràitheil air an ullachadh don t-Seirbheis agus do OFCOM.
Tabhartasan Riochdachaidh
Tha am Bòrd ag obrachadh siostam sgrùdaidh agus measaidh den h-uile tagradh phrògram a' toirt aire do shlatan-tomhais mar a tha air am mìneachadh ann am Plana Corporra bliadhnail na Seirbheis. Tha modh co-dhùnaidh a' Bhùird agus an luchd-stiùiridh air a bhuileachadh air taobh a-staigh ìrean maoineachaidh òrdaichte. An uair sin tha sùil air a chumail air mar a tha tabhartasan riochdachaidh bhon t-Seirbheis air an cleachdadh air an taobh a-muigh tro mhion-sgrùdadh den h-uile pròiseact corporra a chaidh a ghabhail os làimh agus air sampall den h-uile pròiseact eile, leis an obair iomchaidh ga dhèanamh a rèir toraidhean an sgrùdaidh.
Sgrùdadh
Tha an Cathraiche a' coinneachadh gu cunbhalach ris an Stiùiriche a tha an sàs bho là gu là anns gach roinn de obair na Seirbheis agus mar sin a tha ann an suidheachadh airson nam modhan smachd a sgrùdadh aig ìre obrach agus ionmhais.
A bharrachd air an in-sgrùdadh smachd bithear a' beachdachadh
leis a' Bhòrd mu laigsean sam bith a chaidh an comharrachadh
ann an sgrùdadh bliadhnail na Seirbheis bhon taobh a-muigh. Tha co-dhùnaidhean
cudromach no cunnartan comharraichte air an rannsachadh gus an tèid
dèiligeadh riutha gu h-iomchaidh.