ENGLISH

Seona NicIllInnein

Shona NicIllinnein

Tha Shona NicIllinnein ag obair air a ceann fhèin mar chomhairleach leasachadh dùthchail agus tha i a' fuireach faisg air an Dòrnaidh ann an Loch Aillse.  Tha i na ball de Bhòrd-stiùiridh Telebhisean Ghrampian Earranta agus Puirt-adhair na Gaidhealtachd is nan Eilean Earranta, tha i air Comataidh Leasachaidh Shabhal Mòr Ostaig agus bha i roimhe air Bòrd-stiùiridh Oilthigh na Gaidhealtachd.  Thòisich i ag ionnsachadh na Gàidhlig sa bhunsgoil, cha d' fhuair i cothrom a chumail a' dol san àrdsgoil ach chaidh i air adhart gu cùrsa Laidinn agus Ceiltis an Oilthigh Dhùn Èideann.  Nuair a dh'fhàg i an Oilthigh, ghluais i don Eilean Sgitheanach far an robh i ag obair aig diofar bhuidhnean, mòran dhiubh co-cheangailte ri leasachadh Gàidhlig.

Am Bòrd

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk