Raibeart Dunbar

Tha Raibeart Dunbar na Leughadair ann an Lagh agus Ceiltis aig Colaisde an Rìgh,
Obar Dheathain. Tha e cuideachd na bhall de Bhòrd na Gàidhlig,
agus bha e roimhe na Stiùiriche air Comunn na Gàidhlig agus na
Chathraiche air a’ bhuidheann-obrach airson inbhe laghail don Ghàidhlig.
Mar sin, chuidich e a’ dreachdadh molaidhean ChNAG airson Achd Ghàidhlig.
Tha e na neach-lagha eadar-nàiseanta a tha ag obair sa mhòrchuid
ann an dìon mhion-shluagh, agus tha an t-eòlas aige air lagh,
poileasaidh is planadh mhion-shluagh aithnichte aig ìre eadar-nàiseanta.
Tha Rob na Eòlaiche de Chomhairle na h-Eòrpa, agus bidh e ag obair
gu tric còmhla ri Rùnachas Clàr nam Mion-chànanan
Eòrpach. Tha e na Àrd-phàirtiche Rannsachaidh Neo-chòmhnaidheach
den Ionad Eòrpach airson Mion-chùisean (ECMI), ann am Flensburg
sa Ghearmailt, agus na eòlaiche air Pròiseact Neach Ombuds Mion-chùisean
ECMI. Tha e na bhall de Bhòrd Comhairleachaidh Aonad Rannsachaidh Còraichean
Daonna agus Ceartas Sòisealta, Oilthigh Prìomh-bhaile Lunnainn.
Tha e air comhairle a thoirt do riaghaltasan, buidhnean còraichean daonna,
agus buidhnean neo-riaghaltais ann an grunn dhùthchannan air cùisean
cànain agus còraichean daonna. ’S ann à Canada a
tha Rob, a choisinn LL.B. bho Sgoil Lagha Osgoode Hall, Oilthigh York an Canada,
agus LL.M aig Sgoil Eaconamachd Lunnainn. Thug e grunn bhliadhnachan ag obair
ann an Toronto aig Fasken Martineau, aon de na prìomh bhuidhnean lagha
ann an Canada.
Am Bòrd