ENGLISH

Rhoda Meek

Rhoda MeekRugadh agus thogadh Rhoda ann an Dùn Èideann. Bha i a-measg a’ chiad bhuidheann a rinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-sgoil Tollcross. Rinn i Gàidhlig tron àrd-sgoil cuideachd, an turas seo ann an Obar Dheathainn. Ged a tha i air ùine mhòr a chur seachad air tìr mòr tha ceangal dlùth aice fhathast ri eilean a h-athair, Tiriodh. Aig aois seachd bliadhna deug chuir i air bhonn aon de na ciad làraich-lìon Ghàidhlig, 'Gaelic Online'. As dèidh greis ghoirid aig an oilthigh agus sia mìosan ag obair mar chòcaire, thoisich Rhoda aig BBC Alba, ag obair
air Dè a-nis?.

Chuir i seachad còig bliadhna ag obair air Dè a-nis? mar phreseantair agus rannsaiche, a bharrachd air ùine a chur seachad ann an iomadh roinn eile. As dèidh dhith am BBC fhàgail, chuir i seachad greis mar Oifigear Coimhearsnachd Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha i an-dràsta ag obair do bhuidheann Outside the Box, a tha an sàs ann an leasachadh coimhearsnachd air feadh na h-Alba. Na thìde fhèin, bidh Rhoda fhathast ag obair air làraich-lìon, tha ‘Gaelic Online’ air ais 'air-loidhne', agus tha i an dòchas cafaidh fhosgladh ann an Glaschu ann an ùine nach bi fada.

Am Bòrd

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk