Gordan MacIllinnein
Tha Gordon MacIllinnein na Iar Àrd Oifigear airson Strathclyde Partnership for Transport (SPT), stèidhichte ann an Glaschu. Tha e an urra ri SPT roghainnean seasmhach a lìbhrigeadh airson còmhdhail ann an taobh an iar na h-Alba a chum leas eaconomaidh na dùthcha agus gus am faigh a h-uile duine a tha a’ fuireach, ag obair no a’ tadhal air taobh an iar na h-Alba buannachd às.
Air a thrèanadh mar innleadair, tha dreuchdan aig àrd ìre air a bhith aig Gòrdon sna raointean poblach agus prìobhaideach. Bha e roimhe na stiùiriche cumadaireachd airson John Brown Engineering, Bruach Chluaidh, agus as dèidh sin na àrd oifigear aig Business Ventures, buidheann phoblach a thug cuideachadh gu luchd-tionnsgain ann a bhith a’ stèidheachadh agus a’ leasachadh chompanaidhean a dh’fhàsadh gu luath.
Mus tàinig e gu SPT bha e na stiùiriche leasachadh ghnìomhachais aig Iomairt na h-Alba, a’ làimhseachadh ghnothaichean gnìomhachais airson chompanaidhean stèidhichte ann an Glaschu. Bha leasachadh companaidhean nam meadhanan, cuid aca a bha a’ dèanamh phrògraman Gàidhlig airson craoladh, mar phàirt de a dhleastanas san dreuchd seo, agus tha Gordon ag iarraidh gun tèid aig na companaidhean seo modal gnìomhachais seasmhach a chur air bhonn.
Is ann sna taighean dubha an Geàrrannan a rugadh pàrantan Ghordoin, agus bidh e a’ tilleadh gu Dail Mòr, Eilean Leòdhais, cho tric ’s as urrainn dha.