Dòmhnall Martainn
‘S ann dha na Hearadh a bhuineas Dòmhnall Màrtainn. B’àbhaist dha a bhith na Àrd Oifigear aig Comunn na Gàidhlig agus roimhe sin na Leas-stiùiriche air Roinn na Rianachd aig Comhairle nan Eilean airson còrr is fichead bliadhna.
Thairis air na bliadhnaichean, tha e air a bhith a’ frithealadh iomadach buidheann nàiseanta, ionadail agus saor-thoileach ann an seaghan eadar-dhealaichte. Tha e na Chathraiche air Biuro Eòrpach nam Mion-chànan na shaor-thagraiche air Radio Ranol, stèisean rèidio na h-ospadail bho thòisich e ann an 1982, bha e na Urrasair den cholaiste Sabhal Mòr Òstaig agus bha e cuideachd na bhall de Chomataidh Craolaidh Gàidhlig.
Bha e na Rùnaire den Chomataidh Breatannach aig EBLUL airson grunnan bhliadhnaichean. Fhad 's a bha e ag obair aig CnaG, bha e cuideachd na Rùnaire de Bhuidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha e air a bhith na bhall de Harris Tweed Authority bho 1997, chaidh fhastadh mar Iar Neach-cathrach ann an 2001 agus ghabh e an Cathair anns an Dàmhair 2007. Tha e air a bhith na chlàrc chun fo-cheannard sna h-Eileanan an Iar bho 1997 agus chaidh ainmeachadh mar fo-cheannard airson na h-Eileanan an Iar ann an 2002.