Dòmhnall MacAonghais
Bho 1998, tha Domhnall Iain MacAonghais air a bhith na Àrd Oifigear Scotland Europa, stèidhichte sa Bhruiseal le oifis cuideachd ann an Glaschu. Tha Scotland Europa a’ brosnachadh ghnothaichean phoileasaidh agus ionmhais dhan Aonadh Eòrpach (a’ Phàrlamaid, an Coimisean, agus a’ Chomhairle) as leth an trì fichead buidheann Albannach a tha nam ball. Tha e cuideachd an urra ri pròiseactan an Aonaidh Eòrpaich as leth Iomairt na h-Alba, far a bheil e na stiùiriche aig SDI (Scottish Development International).
A’ fuireach an-diugh eadar am Bruiseal agus Fiofa, thogadh Dòmhnall Iain e ann an Eilean an Scarp far na Hearadh. Tha e na urrasair aig Sabhal Mòr Ostaig. Chithear tric e eadar Cluaidh agus na h-Eileanan Siar ann an seann tràlair mòr uaine fon ainm Elinda.