ENGLISH

Alasdair MacCaluim

Alasdair MacCaluimRugadh is togadh Alasdair ann an Stepps, Siorrachd Lannraig. Dh'ionnsaich e Gàidhlig mar inbheach ann an Oilthigh Ghlaschu agus ann an Sabhal Mòr Ostaig. Tha e air a bhith ag obair mar Oifigear Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba fad sia bliadhna agus ron sin bha e na Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Comhairle Pheairt is Cheann Rois.

Tha ùidh mhòr aig Alasdair ann am poileasaidh is planadh cànain. Rinn Alasdair PhD ann an Roinn na Ceiltis, Oilthigh Dhùn Èideann air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus an àite a th' aca agus a bu chòir a bhith aca ann an ath-thilleadh gluasad cànain (reversing language shift) ann an Alba. Tha seo a-nis air tighinn a-mach mar leabhar. Tha e air pàipearan sgoileireil a sgrìobhadh an dà chuid air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus air leasachadh na Gàidhlig anns na bailtean mòra. Mus robh e na seirbhiseach poblach, bha Alasdair gu mòr an sàs ann an iomairtean Gàidhlig.

Am Bòrd

dachaidh :: corpaichte :: naidheachdan :: prògraman :: gnìomhan maoinichte :: studio :: cuir fios gu :: ceanglaichean
© Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig 2005 - 2008. Site by reefnet
Phone: 01851 705550 • Fax: 01851 706432 • E-mail: fios@gms.org.uk