Aithris Rùin
Tha uallach air Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (SnamMG) dèanamh cinnteach gu bheil deagh phrògraman telebhisean sa Ghàidhlig rim faighinn airson dhaoine ann an Alba. Ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, tha SnamMG a’ cur air bhonn Seirbheis Dhidseatach Ghàidhlig, agus tha e mar rùn daingeann aig SnamMG cothrom-sgaoilidh na Seirbheis Didseataich Gàidhlig a ghleidheadh air a h-uile ùrlar didseatach agus craoladh sa Ghàidhlig a dhèanamh seasmhach san àm ri teachd. Tha SnamMG cuideachd ag obair còmhla ri riochdairean airson leasachadh, trèanadh agus cleachdadh Gàidhlig mar chànain-obrach a’ ghnìomhachais-riochdachaidh a bhrosnachadh.